Ceist mu Aonta Sgìreil Earra-Ghàidheal

- Air fhoillseachadh
Nochd ceist mu Aonta Sgìreil Earra-Ghàidheal is Bhòid às dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte co-dhùnadh air taic-airgid a chur dheth.
Bha Riaghaltas na h-Alba is Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air aontachadh gun cuireadh iad ri chèile £25m air adhart thairis air deich bliadhna, le pròiseactan san amharc a bha ag amas air leasachaidhean taigheadais, gnothachais agus tursachd, am measg eile.
Bha dùil ri aonta oifigeil san Ògmhios ach chaidh a chur dheth air sgàth an taghaidh choitchinn.
Tha Riaghaltas Westminster a-nise air innse gun dèan iadsan co-dhùnadh air an taic aca nuair a tha ath-sgrùdadh air suidheachadh ionmhais na dùthcha seachad.
"Fhuair sinn toll dubh £22bn bhon riaghaltas a bh' ann", thuirt neach-labhairt bhon Riaghaltas.
"Bidh co-dhùnadh ann air Aonta Sgìreil Earra-Ghàidheal is Bhòid nuair a tha pròiseas Ath-Sgrùdadh an Ionmhais seachad.
"Tha sinn fhathast ann an còmhraidhean mun aonta agus a' coimhead ri dòighean gus taic a chumail ri pròiseactan fon chlàr-ama a th' ann.
"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil seo a' toirt buaidh air pròiseactan is tha sinn ag amas air gnothaichean a shoillearachadh cho luath 's a ghabhas", thuirt iad.
Dh'innnis Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gu bheil Riaghaltas na h-Alba deiseil is deònach a dhol air adhart leis an aonta.
Ann am brath, dh'aidich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil "iomagain" orra mun chùis.
Thuirt iad gur e Earra-Ghàidheal is Bòd an aona sgìre ann an Alba as aonais aonta.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag obair gus am faigh Earra-Ghàidheal is Bòd "an taic is cothroman a tha sgìrean dùthchail eile a' faighinn".