Fear fo chasaid oidhirp air murt ann an Inbhir Nis

Bhana poilis
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh na poilis a ghairm gu sgìre Mharc-Innis dhen bhaile

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach, 53, a chur an greim agus fo chasaid gun do dh'fheuch e ri duine a mhurt ann an Inbhir Nis.

Tha e fo amharas gun tug e an ionnsaigh mu 11:20 oidhche na Sàbaid an 14mh den t-Sultain air Sràid Madras.

Fhuaireadh fireannach, 21, agus e air fhìor dhroch ghoirteachadh air Sràid Telford.

Chaidh a thoirt chun an ospadail far a bheil e ann an staid sheasmhach.

Tha dùil ris an duine a tha fo chasaid ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Dihaoine.

Thuirt an Detective Inspeactair Caroline NicAoidh: "Bu mhath leam taing a thoirt don choimhearsnachd ionadail airson mar a thug iad taic dhuinn leis an sgrùdadh seo."