Lòn, leum agus laughs airson rannsachaidh aillse

- Air fhoillseachadh
£1.2m - sin na thog Comataidh Rannsachadh Aillse UK ann an Leòdhas de dh'airgead on stèidhicheadh a' bhuidheann bho chionn 50 bliadhna.
Deich tursan sa bhliadhna bidh na buill a' cur air dòigh tachartais gus airgead a thional don charthannas, agus tha adhbhar pearsanta aig gach tè dhiubh airson an cuid saothrach.
Chan e "obair chruaidh" a th' ann dhaibh ge-tà, le fealla-dhà is gàire aig cridhe gach rud a nì iad a dh'aindheoin cùis cho dubhach.
Chaidh mise a bhruidhinn riutha aig dìnnear ann an taigh-òsta ann an Steòrnabhagh oidhche Haoine agus air a' Bhac an ath-mhadainn le Bouncefest - rùm làn chaistealan bocadaich le beagan bèicearachd ri faighinn cuideachd.

Cha b' e a' chlann a-mhàin a fhuair spòrs air na caistealan bocadaich
'S e tè a stèidhich a' bhuidheann a dh'iarr air Mairi Dhòmhnallach a dhol an sàs ann.
Thuirt Màiri: "Thòisich mi dìreach a' cunntadh airgid is a' dèanamh rudan beaga. Beag air bheag tha iad ga do dhraghadh a-steach, agus mus seall thu riut fhèin tha thu mar phàirt dheth agus tha thu am measg a h-uile càil a th' ann."
Chan e, ge-tà, nach eil an gnothach a' còrdadh rithe.
"Tha an t-uabhas spòrs againn. Tha fhios agam gur e adhbhar gu math trom a th' ann ach tha tòrr spòrs againn."
Tha Màiri Anna NicFhionghain, tè dhe na "Golden Oldies" mar a thuirt i fhèin, air a bhith an sàs ann fad 48 bliadhna, ach tha spionnadh innte mar thè a tha air ùr-nochdadh.
"Tha sinn trang, trang. Chan eil sinn a' sguir.
"Cha mhòr gu bheil mìos ann nach eil sinn a' cruinneachadh airgid agus tha e mìorbhaileach nuair a chì thu an t-adhartas a chaidh a dhèanamh le na leigheasan bho thòisich iad."

'S e an t-adhartas sin a tha a' brosnachadh na buidhne. Aig na tachartasan mìosail aca tha iad a' cluinntinn bho dhaoine mun bhuaidh mhòr a thug aillse orra fhèin, air càirdean agus air caraidean
'S e ceangal teaghlaich a tha a' fàgail gu bheil cathraiche na buidhne, Amy NicAmhlaigh, cho mòr an sàs san obair.
Thuirt i: "Nuair a tha e a' bualadh air an teaghlach agad tha thu a' faireachdainn gu bheil thu airson barrachd a dhèanamh.
"Thachair rudeigin o chionn ghoirid..."
B' fheudar do dh'Amy stad, deòir na sùilean agus e follaiseach gu bheil e doirbh dhi an sgeuleachd innse.
"Dhomhsa dheth, 's e gun robh aillse air a bhith air mo phiuthar.
"'S e aillse muineal na machlaig a bh' oirre agus às dèidh làimh bha i air rudeigin fhaicinn bho Oilthigh Obar Dheathain a ràdh gun robh iad air rudeigin a chur air dòigh a bha gu bhith a' toirt air daoine a dhol airson deuchainn airson na h-aillse a bh' oirre-se, agus thàinig an t-airgead airson na h-obrach seo tro Rannsachadh Aillse UK.
"Thuig mise an uair sin cho cudromach 's a bha e. Tha fios agad gu bheil e a' dèanamh feum, ach nuair a thig e thugad gu pearsanta tha e a' ciallachadh tòrr a bharrachd."

Fhuair a' bhuidheann ionadail aithne bho Rannsachadh Aillse UK airson na tha iad air cruinneachadh thar nam bliadhnaichean.
Ged nach eil àireamh an t-sluaigh cho àrd ri àitichean eile tha a' choimhearsnachd ann an Leòdhas agus sna Hearadh a' toirt taic do dh'iomadh buidheann - Aillse Mhic a' Mhaoilein, Bethesda agus an RNLI am measg gu leòr eile.
Fad 50 bliadhna ge-tà, tha comas air a bhith aig a' chomataidh seo toirt air daoine làmh a chur nam pòcaid uair is uair agus iad air còrr air £1.2m a thoirt don charthannas nàiseanta san ùine sin.
Leanaidh an obair aca ann an Leòdhas, agus leanaidh obair an luchd-rannsachaidh feuch, 's dòcha uairegin anns an ath 50 bliadhna, gun tig an là far nach bi aillse a' toirt buaidh mar a tha i an-dràsta.
Gheibhear ainmean nan tagraichean uile agus barrachd fiosrachaidh mu Dhuaisean Dèan Diofar a' BhBC an seo.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh4 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal