"Càirdeas air a dhol fuar" eadar Comhairle is Pàrantan Ghlaschu

- Air fhoillseachadh
Thathar a' cur às leth Comhairle Baile Ghlaschu gu bheil an càirdeas a bh' ann eadar iad agus pàrantan sgoilearan Gàidhlig san sgìre "air a dhol fuar".
Tha seo is an àireamh sgoilearan a thòisich ann an Clas a h-Aon ann am FtMG sa bhaile sìos 30% - agus ceistean mu cuin is càite an tèid sgoil ùr a stèidheachadh.
Ged a tha neach-gairm foghlaim na comhairle a' cumail a-mach nach eil ise air dragh mu cho-obrachadh le pàrantan a chluinntinn, tha Comann nam Pàrant ann an Glaschu a' togail cheistean mu na tha fa-near do dh'fhoghlam Ghàidhlig anns a' bhaile - 40 bliadhna bho chaidh a stèidheachadh.
Thuirt Eilidh NicFhionghain, cathraiche Chomann nam Parant Nàiseanta agus neach-labhairt na buidhne ann an Glaschu, gum biodh e "math nam biodh sinn a' faicinn barrachd taice a' tighinn bhon chomhairle".
"Tha mise a' faicinn gu bheil cùisean air atharrachadh gu mòr taobh a-staigh na comhairle anns an ùine a tha mise air a bhith an sàs ann am foghlam to mheadhan na Gàidhlig," thuirt i.
"Tha faireachdainn ann gu bheil cùisean air a dhol air ais - air a dhol caran fuar eadar a' chomhairle agus muinntir nan sgoiltean Gàidhlig."
Tha Eilidh NicFhionghain ag ràdh gu bheil cuingealachadh nan àireamhan a' toirt droch bhuaidh
Tha trioblaid leantainneach air a bhith ann an Glaschu le ùidh ann am foghlam Gàidhlig a bhith nas motha na tha an comas a th' ann a lìbhrigeadh, le cuid de theaghlaichean call a-mach air cothrom is an t-ùghdarras air na h-àireamhan a chuingealachadh.
Tha faisg air 1,400 duine-cloinne ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig thar ceithir bun-sgoiltean agus aon àrd-sgoil - is cruaidh-fheum air an àrd-sgoil a leudachadh 'son na th' ann de sgoilearan.
Tha a' chomhairle air a bhith a' coimhead air làraichean ùra do Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu mar thoradh air cho làn 's Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a tha stèidhichte san aon toglach air Sràid Berkeley sa bhaile.
Chuir e iongnadh air cuid am-bliadhna ge-tà, nach eil ach 91 duine-cloinne air an sgoil a thòiseachadh ann am FtMG - an àireamh as lugha ann an grunn bhliadhnaichean, is mu 30% nas lugha na thòisich an-uiridh.
Tha Eilidh NicFhionghain den bheachd gu bheil rannsachadh a dhìth - ach gu bheil an cuingealachadh air àireamh sgoilearan a stèidhich a' chomhairle na phàirt dheth.
"'S cinnteach gu bheil sin air buaidh a thoirt," thuirt i.
"Tha pàrantan a' bruidhinn ri càch a chèile, agus nuair a chluinneas iad sgeulachdan mar sin tha iad ag ràdh 'chan eil mise ag iarraidh sin a dhèanamh air an teaghlach agam fhèin'."
Tha an Comh Christina Cannon ag ràdh gu bheil e a' cur iongnadh oirre gu bheil pàrantan mì-thoilichte
A rèir Comhairle Baile Ghlaschu, tha obair a' leantainn gus fuasgladh a lorg air suidheachadh na h-àrd-sgoile, leithid an còigeamh bun-sgoil fhosgladh, ach chan eil beachd air càite am biodh sin, neo cuin a dheadh a fosgladh.
Chuir e iongnadh air a' Chomh Christina Cannon, neach-gairm an fhoghlaim, gun robh Comann nam Pàrant a' faireachdainn dìth taice is gun robh an càirdeas a bh' ann air atharrachadh.
"Chan eil mi air sin a chluinntinn gu ruige seo," thuirt an Comh Cannon.
"Tha buidheann-obrach Gàidhlig againn le luchd-riochdachaidh bho na diofar sgoiltean, an àrd-sgoil is na ceithir bun-sgoiltean, agus bidh àrd-oifigich a' coinneachadh leis na parantan sin cuideachd.
"Mar sin, tha na gnothaichean seo gan cnuasachadh," thuirt i.
Sgoil ùr do Ghlaschu?
Chaidh a' bhuidheann-obrach sin a stèidheachadh leis a' chomhairle agus Comann nam Pàrant gus fios a chumail air obair leudachaidh FtMG ann an Glaschu.
Ach tha Comann nam Pàrant a' cumail a-mach nach robh an Comh Cannon aig coinneimh den bhuidhinn am-bliadhna - rud nach deach Comhairle Baile Ghlaschu às àicheadh.
Tha e na "mhiann" aig a' chomhairle gus làrach bun-sgoile ùire a lorg, a rèir a' Chomh Cannon, gus cuideam a thogail far na h-àrd-sgoile.
Ach tha i ag ràdh gu bheilear a' feitheamh 'son taic-maoineachaidh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba - rud nach eil iad an dùil fhaighinn ron taghadh Albannach an ath-bhliadhna.
Ge-tà, tha BBC Naidheachdan air litir bho Rùnaire an Fhoghlaim Jenny Gilruth fhaicinn, is ise ag ràdh gun cuireadh Righaltas na h-Alba fàilte air tagradh bhon chomhairle.
"Mholainn dhan chomhairle obrachadh gu dlùth le pàrantan is oifigich gus plana soilleir a dhealbhachadh is a thoirt air adhart ann an deagh ùine," thuirt Ms Gilruth san Ògmhios.
"Fior dheagh sgeulachd" na Gàidhlig

40 bliadhna bho chaidh seòmar clas Gàidhlig a stèidheachadh taobh a-staigh Sgoil Sir John Maxwell an ceann a deas Ghlaschu, tha mì-chinnt mun ath-cheum do dh'fhoghlam Ghàidhlig anns a' bhaile.
Tha obair leasachaidh a' leantainn air a' cheathramh toglach sgoile Gàidhlig, Bun-Sgoil a' Challtainn air taobh sear a' bhaile.
Ach tha a' chosgais air èirigh gu mòr - cosgaidh an sgoil ùr £23.8m uile gu lèir le dàrna leth an airgid a' tighinn bho Righaltas na h-Alba.
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt
- Air fhoillseachadh26 An Gearran 2021
A dh'aindeoin nan dùbhlan ge-tà, tha an Comh Cannon misneachail.
"Tha mi den bheachd gun lean fàs. Chan eil mi a' smaoineachadh gun do chrìon e agus 's e deagh rud tha sin.
"Bidh sinn a' tabhainn ar sgoiltean Gàidhlig dìreach mar a dhèanadh sinn le ar sgoiltean eile, agus 's ann le pàrantan agus an òigridh fhèin tha an roghainn air dè as fhreagarraiche dhaibh fhèin.
"'S ann air sgàth sin a tha na goireasan seo againn sa bhaile is bidh an roghainn a tha sin ann."
Tha piseach ri dhèanamh air co-obrachadh fhathast ge-tà, a rèir chuid.
"Bu thoil leam gum biodh cùisean nas fhosgailte, 's dòcha, eadar na buidhnean Gàidhlig agus a' chomhairle airson 's gun urrainn dhuinn a bhith a' cumail oirnn a' fàs anns a' bhaile," thuirt Eilidh NicFhionghain.
"'S e fìor dheagh sgeulachd a th' air a bhith ann gu ruige seo dhan Ghàidhlig ann an Glaschu agus cha bu chòir dhuinn toirt air falbh bho sin idir - 's e rud fìor mhòr a tha air tachairt taobh a-staigh 40 bliadhna.
"Ach feumaidh sinn a bhith a' togail air sin agus a' cumail a' dol."