Èiginn an taigheadais: "Feumaidh barrachd fhearainn a bhith an sealbh phoblach"
![Baile dùthchail](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/2048/cpsprodpb/5517/live/3adf5bc0-e87c-11ef-84f2-c32937472d62.jpg)
- Air fhoillseachadh
Tha Coimisean Fearainn na h-Alba ag ràdh gum feum buidhnean san roinn phoblaich tòiseachadh air barrachd fhearainn a cheannach airson cuideachadh le bhith a' dèiligeadh ri èiginn an taigheadais ann an sgìrean dùthchail.
Tha a' bhuidheann air aithisg ùr fhoillseachadh a' cur an cèill na tha a dhìth airson barrachd leasachaidhean taigheadais fhaighinn gu dol.
Tha iad ag ràdh gu bheil gainnead taigheadais èiginneach mu choinneimh choimhearsnachdan dùthchail, 's gu bheil sin a' toirt air daoine òga agus teaghlaichean falbh.
Tha sin a' cuingealachadh chothroman cosnaidh agus fàs na h-eaconomaidh.
Tha molaidhean na h-aithisg a' toirt a-steach na leanas:
Stòras fearainn a chruthachadh san ùine fhada le bhith a' cleachdadh nan cumhachdan a th' aig buidhnean poblach mar thà airson fearann a cheannach, a reic agus a chumail
Maoin chalpa mhòr a stèidheachadh airson airgead a gheibhear bho bhith a' reic fhearainn phoblaich a chleachdadh airson tuilleadh a cheannach 's a leasachadh
Toirt air uachdarain phoblach fearann a chomharrachadh a bhiodh freagarrach airson taigheadais dhùthchail
Riaghailtean Òrdughan Ceannaich Riatanaich ùrachadh airson 's gum bi iad nas fhasa a chur an sàs nuair a tha feum orra
Stiùireadh agus comhairle nas fheàrr a thoirt do bhuidhnean poblach gus an cuideachadh fearann a shaoradh aig prìsean èifeachdach
Fearann agus cothroman
Tha na molaidhean san aithisg ùir aca ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil fearann poblach ga chleachdadh gu ceart mu choinneimh na h-èiginn a th' ann, gus an gabh fearann fhaighinn airson dachannan a thogail.
Thuirt Cathraiche Choimisein an Fhearainn, Mìcheal Russell, nach b' ann ag amas air àite leasachaidhean prìobhaideach a ghabhail a bha seo, ach cinnt a thoirt do dhaoine gu bheil gach cuid fearann agus cothroman ann airson a dhèanamh comasach taigheadas a thogail ann an sgìrean dùthchail.
"Tha cunnart nach beag an lùib èiginn an taigheadais airson seasmhachd choimhearsnachdan agus eaconomaidh na h-Alba san àm ri teachd," thuirt e.
"Tha an rannsachadh againn a' sealltainn gu bheil pàirt cudromach aig buidhnean poblach ann a bhith a' saoradh fearainn airson taigheadais.
"Le bhith a' dèanamh barrachd le sealbh poblach air fearann, faodaidh buidhnean riaghaltais agus na roinne poblaich an suidheachadh a chruthachadh a tha a dhìth airson 's gun soirbhich leasachaidhean taigheadais ann a sgìrean dùthchail ann an dòigh fharsainn.
"Chan ann mu dheidhinn sin a chur an àite leasachaidhean prìobhaideach, ach mu bhith a' cruthachadh na cinnt, an stòras fearainn, agus a' chothruim a tha a dhìth airson lìbhrigeadh taigheadais a dhèanamh comasach ann an sgìrean dùthchail."