Bùth ùr is liosan coimhearsnachd san amharc an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tha planaichean ann gus bùth mhòr ùr agus liosan coimhearsnachd a stèidheachadh air làrach faisg air Baile a' Ghobhainn air taobh sear Inbhir Nis.
Tha dùil gur e a' chompanaidh Home Bargains a bhiodh a' ruith na bùtha, anns am biodh ionad gàirnealachd agus cafaidh cuideachd.
Bhiodh làrach 4,900 meatair ceàrnagach ann cuideachd 'son liosan coimhearsnachd.
'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a bhiodh na liosan is bhiodh iad air an ruith le buidheann coimhearsnachd.
Bhiodh leasachadh rathaid ann gus faighinn dhan làraich bho Rathad Eaglais an t-Sabhail.
Thèid na planaichean air beulaibh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas aig Comhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain, taobh a-muigh is thathas a' moladh do chomhairlichean cead a thoirt seachad.
Tha an leasachadh faisg air sgìre far an deach an t-uabhas de thaighean ùra a thogail san deich bliadhna mu dheireadh.