Deoch is drugaichean: "Tha mi duilich airson beathannan a chaidh a chall"

Niall Gray
  • Air fhoillseachadh

Thabhainn Rùnaire Slàinte na h-Alba leisgeul airson beathannan ann an Alba a chaidh a chall ri linn na dibhe is drugaichean.

Bha Niall Gray a' bruidhinn ris a' phrògram Eòrpa air a' BhBC.

Tha Eòrpa a' coimhead ri trioblaidean dibhe is drugaichean na h-Alba mar phàirt de phrògram shònraichte stèidhichte air sgeulachd phearsanta Ruairidh MhicÌomhair.

Tha Ruairidh, a tha na fhear-naidheachd aig a' BhBC, a' bruidhinn gu poblach 'son a' chiad uair air a' bhuaidh mhòir a thug eisimeileachd na dibhe agus dhrugaichean air a bheatha.

Air a' mhìos seo tha e air a bhith sòbarra deich bliadhna.

Tha Ruairidh ag ràdh gu bheil e den bheachd gur e deagh àm a th' ann bruidhinn gu poblach, is gu bheil mar a thachair dha fhèin air sealladh a thoirt dha air fear de na dùbhlain as motha a tha a’ toirt buaidh air Alba an-diugh.

Fo-thiotal an deilbh,

Ruairidh MacÌomhair

Anns na mìosan mu dheireadh tha àireamhan ùra air sealltainn a-rithist an trioblaid mhòr a th’ aig Alba le deoch-làidir agus drugaichean.

Nochd figearan san Lùnastal, taobh a-muigh gun do bhàsaich 1,172 duine ann an Alba ri linn dhrugaichean ann an 2023.

Bha seo suas 12% air 2022 is e a’ fàgail Alba leis na h-ìrean as àirde de bhàs bho dhrugaichean san Roinn Eòrpa.

Anns an t-Sultain chaidh innse gun do bhàsaich 1,277 duine, taobh a-muigh ann an Alba ann an 2023 bho thrioblaidean ri linn na dibhe.

'S e àrdachadh de dh'aon a bha seo air 2022 – is an àireamh as àirde airson 15 bliadhna.

Tha luchd-poileataigs air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean feuch piseach a thoirt air an t-suidheachadh.

Tùs an deilbh, PA

Ghairm Riaghaltas na h-Alba misean nàiseanta ann an 2021 airson dèiligeadh ri àireamhan bàis bho dhrugaichean.

Bhon uairsin tha iad air bun-inbhean airson leigheas meadaigeach a thoirt a-steach; taic a chur ri ionad ann an Glaschu far an gabh drugaichean a ghabhail gu sàbhailte; agus chuir iad rompha 1,000 àite rehab a thabhainn gach bliadhna ro dheireadh na Pàrlamaid.

A thaobh na dibhe, thàinig aon de na ceumanan as motha ann an 2018 nuair a stèidhich Alba bun-phrìs air deoch-làidir - a’ chiad dùthaich a rinn e.

San t-Sultain dh'innis Riaghaltas na h-Alba, taobh a-muigh gun rachadh a' bhun-phrìs suas 30%.

Bho chionn beagan sheachdainean thàinig aithisg bho Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba, taobh a-muigh air oidhirpean an Riaghaltais a thaobh deoch-làidir agus drugaichean.

Thog a' bhuidheann sgrùdaidh air mar a tha na tha Riaghaltas na h-Alba a’ cosg air còrr air dùblachadh thairis air deich bliadhna – bho mu £70m gu còrr is £160m sa bhliadhna.

Am measg dhraghan a thog iad ge-tà, tha gu bheil fòcas air drugaichean a’ toirt aire bho dheoch-làidir; is gum faodadh nach bi gu leòr ann an amasan an Riaghaltais le àitean rehab airson coinneachadh ri iarrtas.

Aig an dearbh àm, tha bile a thug Tòraidhean na h-Alba air adhart an-dràsta aig ìre a h-aon, às dèidh do sheann cheannard a' phàrtaidh Dùghlas Ros, a cur mu choinneimh Holyrood na bu tràithe am-bliadhna.

Am measg na tha e a' moladh, tha còir laghail a bhith aig neach a th' air a mheas feumach air leigheas gum faigh iad sin taobh a-staigh trì seachdainean bhon uair a thèid am measadh a dhèanamh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad deònach beachdachadh air a' bhile ach gu bheil ceumanan eile a dhìth.

Ann am brath sònraichte aig Holyrood san t-Sultain, às dèidh dha na h-àireamhan bàis airson drugaichean agus deoch-làidir a thighinn a-mach, thuirt Rùnaire na Slàinte gur e "traidseadaidh" a bh’ annta agus thabhainn e co-fhaireachdainn orrasan air a bheil bàs a' toirt buaidh.

A’ bruidhinn ri Eòrpa, chaidh Niall Gray ceum na b’ fhaide.

"Tha mi a' faireachdainn gu bheil mi a' tuigsinn na buaidhe uabhasaich is a' chall a th' ann, an dà chuid nuair a tha teaghlach a' call neach-dàimh, ach cuideachd na duilgheadasan a th' ann ron sin a' feuchainn ri taic a chumail ris an neach sin.

"Tha mi a' tuigsinn cho fìor dhoirbh 's a tha sin.

"Agus mar sin, tha, tha mi duilich airson nam beathannan a chaidh a chall."

Chìthear Eòrpa air BBC ALBA Diciadain aig 9:00f is an seo air iPlayer a' BhBC.

Tha taic ri fhaighinn air loidhne-gnìomha a' BhBC.