Poileasaidh Gàidhlig: Feumar coimhead ri gnothaichean sòisealta is eaconamach
- Air fhoillseachadh
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear gu bheil e "follaiseach" an dà chuid gu bheil a' Ghàidhlig na buannachd do dh'eaconamaidh na h-Alba agus gu bheil poileasaidh eaconamach an Riaghaltais air leth cudromach ann a bhith a' glèidheadh choimhearsnachdan traidiseanta a' chànain.
Bha Ceit Fhoirbeis a' bruidhinn is aithisg mhòr ùr bho Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil e a-nise soilleir dhaibh gum feum poileasaidhean Gàidhlig feart a thoirt air suidheachaidhean sòisealta is eaconamach anns na sgìrean traidiseanta far a bheil i fhathast ga bruidhinn.
Thàinig seo ann am freagairt oifigeil an Riaghaltais air aithisg, taobh a-muigh an-uiridh mu chothroman eaconamaiceach dhan Ghàidhlig.
'S e Art MacCarmaig an cathraiche a bh’ air a’ bhuidhinn-obrach a rinn an aithisg sin, is sùil aca air sgìrean far a bheil comasan Gàidhlig aig co-dhiù 20% den t-sluagh.
Bha iad a' coimhead gu sònraichte air suidheachadh a' chànain a leasachadh tro chothroman eaconamach, agus an eaconamaidh fhèin a neartachadh le a bhith a' gabhail brath air na cothroman a tha an lùib a' chànain.
Am measg na mhol a' bhuidheann aig an àm bha:
gum faigheadh daoine air teachd-a-steach nas ìsle taic-airgid gus an cuideachadh ann a bhith a' ceannach dachaigh, le faochadh cìse do ghnothachasan a bheir deagh bhuaidh air a' chànan
gum bu chòir comasan sa Ghàidhlig a bhith deatamach airson cosnadh fhaighinn san Roinn Phoblaich
gum bi taic-airgid ann gus luchd-teagaisg a thàladh
gum bu chòir a' Ghàidhlig a bhith deatamach mar chuspair anns na prìomh choimhearsnachdan Gàidhlig chun na treasaibh bliadhna san àrd-sgoil
gum bu chòir àrd-sgoiltean don tèid sgoilearan a fhuair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil a bhith clàraichte mar sgoiltean Gàidhlig
maoineachadh a bharrachd do MG ALBA
Tha Riaghltas na h-Alba a-nise air an fhreagairt aca dhan aithisg fhoillseachadh, taobh a-muigh is iad ag ràdh gun do rinn a' bhuidheann-obrach "argamaid gu math làidir" a thaobh leasachadh na Gàidhlig agus na h-eaconamaidh.
Ged a tha an Riaghaltas air gabhail ri tòrr de na molaidhean, bidh ceist air cuid fhathast air ciamar dìreach a thèid na prionnsabalan a chur an sàs.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil uallach air Riaghaltas na h-Alba togail air adhartas gu seo ann an roinnean mar foghlam, craoladh is leasachadh coimhearsnachd, ach cuideachd fàs a thoirt air suidheachadh na Gàidhlig ann an roinnean eile air an do thog a' bhuidheann-obrach.
Nam measg tha slàinte agus cùram sòisealta is gnothachas - agus a bhith a' dèiligeadh ri dùbhlain eaconamach mar chòmhdhail, taigheadas is crìonadh-sluaigh, gnothaichean a tha an Riaghaltas ag aideachadh a tha a' lagachadh choimhearsnachdan na Gàidhlig.
Tha an aithisg ùr ag ràdh gu bheil iad moiteil gur ann le Alba air fad a tha a' Ghàidhlig, ach gu bheil e follaiseach gum feum poileasaidhean cànain anns na sgìrean traidiseanta cuideachd coimhead ris na gnothaichean bunaiteach seo.
Ghabh iad ris gum feumar dèiligeadh ri taigheadas, còmhdhail is ceanglaichean digiteach mar bhunait airson fàs eile.
A thaobh taigheadais, ghabh iad ri puing mun bhuaidh a th' aig dìth thaighean aig prìsean reusanta air coimhearsnachdan Gàidhlig.
Tha an Riaghaltas ag ràdh gun dèan iad ùrachadh air stiùireadh mu thaigheadas is gun coimhead iad an gabhadh iarraidh air ùghdarrasan ionadail beachdachadh air mar a tha taighean ùra a' cur ri glèidheadh ghnothaichean cultarail, sòisealta is eaconamach.
Bu chòir, tha iad ag ràdh, gum bi taighean gu leòr aig prìs reusanta ann an coimhearsnachdan Gàidhlig le plana air mar a ghabhadh an cur gu feum gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.
Thèid beachdachadh air rud air a bheilear a' gabhail 'fair chance scheme’ nuair a tha taighean gan reic is a bheireadh prìomhachas do chuid, ged a tha an aithisg ag ràdh gum biodh seo "saor-thoileach".
Cha deach gabhail le moladh eile bhon bhuidhinn-obrach gum biodh grantaichean ann do dhaoine air teachd a-steach ìosal gus taighean a cheannach no a thogail mar dhòigh air coimhearsnachdan Gàidhlig a ghlèidheadh, is ged nach deach moladh gus "sgìrean eaconamach Gàidhlig" a stèidheachadh le faochadh chìsean is eile a dhiùltadh, tha an aithisg ag ràdh gum biodh seo doirbh a chur an sàs.
Buidheann-gnìomha
Bha a' bhuidheann-obrach air iarraidh gun rachadh buidheann-gnìomha a chur air dòigh a dhèanadh measadh air poileasaidhean poblach is a' bhuaidh aca air coimhearsnachdan traidiseanta na Gàidhlig.
Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad a' gabhail ri seo gu ìre tro Bhile nan Cànanan Albannach, le dleastanas air an Riaghaltas fhèin is ùghdarrasan ionadail beachdachadh air a' Ghàidhlig san obair aca.
Tha iad ag ràdh gun dèilig am bile ùr cuideachd le moladh eile gum feum buidhnean le dleastanas plana Gàidhlig a stèidheachadh coimhead air a' chànan mar chothrom, agus le moladh gus crathadh agus neartachadh a thoirt air siostam nam planaichean cànain san fharsaingeachd.
Chan eil iad a' gabhail ris gum bu chòir coimiseanair cànain a stèidheachadh.
Às dèidh na connspaid a tha air a bhith ann mu lìonra de dh'oifigearan Gàidhlig, thathas a' gabhail ris gum bu chòir a ghlèidheadh.
Bu chòir cuideachd, tha an Riaghaltas ag ràdh, seirbheisean cùram chloinne sa Ghàidhlig a bhith ann aig ìre fhreagarrach anns na sgìrean traidiseanta.
A thaobh obraichean sa roinn phoblaich anns na sgìrean seo, tha an aithisg a' gabhail ris gum bu chòir an sanasachd mar Ghàidhlig riatanach nuair a tha sin idir comasach, agus gum bu chòir seirbheisean slàinte is sòisealta tron chànan a leasachadh.
Agus chaidh gabhail ri moladh gum bu chòir taic a bhith ann do choimhearsnachdan sealbh fhaighinn air togalaichean no goireasan - no an togail - nuair a chuireadh sin ri suidheachadh a' chànain agus an eaconamaidh.
Tha an Riaghaltas cuideachd a' gabhail ris gum bu chòir dòigh a bhith ann gus am faigh daoine le Gàidhlig àite air buidhnean poblach a tha a' toirt buaidh air na coimhearnsachdan.
Tha gearanan air a bhith ann tric is minig mun cheist seo is bidh sùil gheur air mar a thèid a làimhseachadh, mar a bhios le gealltanas gun dèan an Riaghaltas cinnteach gun tèid coimhead ris a' Ghàidhlig ann am Measaidhean Buaidh Eileanach.
Thathas a' togail air ceanglaichean digiteach a leasachadh le co-chomhairle air plana a chuireadh dleastanas air luchd-leasachaidh ceanglaichean a stèidheachadh ann an gach leasachadh taigheadais.
Thèid beachdan choimhearsnachdan na Gàidhlig iarraidh air sin.
A thaobh luchd-gnothaich, ghabh iad ri moladh gum bu chòir barrachd taice a bhith ann do dhaoine a tha a' tòiseachadh ghnothachasan ann an coimhearsnachdan Gàidhlig, is gum bi na siostaman taice "mothachail air feumalachdan luchd-gnothaich na Gàidhlig".
Foghlam
Tha an aithisg ag ràdh gun cuir Bile nan Cànanan Albannach dleastanas air ùghdarrasan foghlaim taic a chur ri cothroman air FtMG, is tha taic ann do mholadh gum bu chòir curraicealam sònraichte a bhith ann son FtMG, agus gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air an Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig.
Thathar a' gabhail ri beachd gu bheil e deatamach gun tèid FtMG aig ìre àrd-sgoile a leasachadh is gum bi cothrom ann seo a dhèanamh tron bhile ùr.
Ach ged a tha taic ann do mholadh gus iomairt ùr a stèidheadhadh airson barrachd thidsearan fhastadh, chan eil iomradh ann ach air iomairtean a tha mar-tha ann, ged a tha iad ag ràdh gum bu chòir do Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba coimhead air dòighean sam bith a dhèanadh an suidheachadh nas fheàrr.
Cha deach gabhail ri moladh gus Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh a bhith riatanach aig ìre àrd-sgoile anns na sgìrean traidiseanta is an Riaghaltas ag ràdh gur e gnothach a tha seo dha ùghdarrasan ionadail.
Na h-Ealain
Ged a bha a' bhuidheann-obrach air iarraidh gun rachadh ro-innleachd ùr a dhealbh airson nan ealan Gàidhlig, tha an Riaghaltas ag ràdh gun tèid dèiligeadh ri seo cuideachd tro Bhile nan Cànanan Albannach le Plana Gàidhlig Nàiseanta is le àite ann dha na h-ealain.
Tha iad a' cur taic "gu ìre" le moladh airson barrachd maoineachaidh do MG ALBA, is iad ag ràdh gum bu chòir cumhachd air craoladh a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba "gus am bi e comasach co-dhùnaidhean a dhèanamh a tha ag aithneachadh feumalachdan luchd-amhairc agus nan gnìomhachasan cruthachail".
Tha an Riaghaltas ag ràdh gun obraich iad le MG ALBA is buidhnean eile cuideachd gus cothroman trèanaidh 'son obair anns na meadhanan a leasachadh.
Ghabh iad ri moladh cuideachd togail a-rithist air àite na Gàidhlig ann an turasachd. Am measg eile tha an Riaghaltas ag ràdh gum feumar sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh gus luach na Gàidhlig ann an turasachd a thuigsinn.
Aig an dearbh àm is a bha iad a' foillseachadh aithisg na Gàidhlig, dh'innis an Riaghaltas cuideachd mu ghrantaichean ùra £1m ann an sgeama Eileanan Càrbon-Neòdrach.
Am measg na shoirbhich tha pròiseact ann an Ratharsair gus trì togalaichean a tha bàn a chur gu feum às ùr mar dhachaighean aig màl reusanta is le siostam teasachaidh uaine.
Ann an Ìle thèid cur ri leasachadh lios-àraich airson chraobhan còmhla ri lios-ùbhlan is stòras airson connadh fiodha às leth na coimhearsnachd, agus leasachaidhean airson cumhachd ath-nuadhachail ann an seachd togalaichean coimhearsnachd air feadh an eilein.
Agus ann am Barraigh tha taic ann 'son dì-charbonachadh a dhèanamh air ionad coimhearsnachd Cobhair Bharraigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Ògmhios 2023