An A9 'troimhe-chèile'
- Air fhoillseachadh
Tha neach-iomairt airson sàbhailteachd rathaid ag ràdh gu bheil fiosrachadh cùirte mu thubaist mhairbhtich air an A9 a' sealltainn gu bheil cruaidh-fheum air an rathad a dhèanamh dà-fhillte eadar Inbhir Nis is Peairt.
Chaidh binn 14 mìosan sa phrìosan air an neach-turais Shìonach Die Huang aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Diluain an dèidh dhi aideachadh gun do dh'adhbharaich i bàs le dràibheadh cunnartach.
Chuala a' chùirt gun do thòisich Ms Die a' dràibheadh air an taobh cheàrr den rathad an dèidh dhi earrann dà-fhillte fhàgail.
Bhuail i an uair sin ann an Anndra Mac a' Phearsain, a bh' air motar-baidhseagail, ceann ri ceann faisg air Bruthar, air an 23mh là den Ògmhios am-bliadhna.
Thuirt am Britheamh gun robh coltas ann nach robh i idir air tuigsinn gun robh an rathad air a dhol aon-fhillte, 's gun robh a' bhuille aige sin.
"Tha e air leth cudromach a bhith a' cluinntinn gu bheil na cùirtean a-niste a' toirt iomradh air mar a tha a bhith a' dol bhon earrainn dà-fhillte gu aon-fhillte ag adhbharachadh nan tubaistean uabhasach a tha seo," thuirt Laura Hansler, bhon bhuidhinn A9 Dual Action.
"Tha sinn air bruidhinn mòran tron iomairt a tha seo mu mar nach urrainn na tubaistean seo tachairt le rathad dà-fhillte agus bacadh sa mheadhan. Chan eil e comasach.
"Cha b' urrainn do dhuine a dhol sìos an taobh ceàrr de rathad dà-fhillte.
"Ach 's e an troimhe-chèile a th' ann far a bheil an rathad a' dol bho dhà-fhillte gu singilte 's air ais a-rithist - 's air ais a-rithist - a tha ag adbharachadh nan tubaistean seo.
"Agus tha iad mairbhteach leis gu bheileas a' bualadh an ceann a chèile.
"Tha an rathad gu math troimhe-chèile, agus fiù 's daoine a tha a' fuireach faisg air, fàsaidh tu troimhe-chèile air an rathad sin.
"'S e an aon dòigh a ghabhas stad a chur air a' bhàs, an rathad a dhèanamh dà-fhillte."
Tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa an A9 gu lèir eadar Peairt is Inbhir Nis a leasachadh ro 2035, agus iad ag ràdh gu bheil iad a' coimhead ri dòighean a dh'fhaodadh an obair a bhith air a dhèanamh nas luaithe na sin.
Tha dùil gun tòisich obair air an ath earrainn den rathad, eadar a' Mhòigh agus an Tom Aitinn, tràth an ath-bhliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 23 uair