Hub an t-Òib air fhosgladh gu h-oifigeil

Hub an t-Òib ga fhosgladh
  • Air fhoillseachadh

Chaidh an t-ionad coimhearsnachd Hub an t-Òib fhosgladh gu h-oifigeil air an deireadh-sheachdain.

Thòisich obair air an ionad bho chion naoi bliadhna, 's e a-nis a' tabhann ghoireasan do mhuinntir na sgìre ann an Ceann a Deas na Hearadh.

Tha Hub an t-Òib stèidhichte ann an seann togalach sgoile a chaidh a dhùnadh leis an ùghdarras ionadail, 's planaichean ann airson a leagail.

Ach chuir Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh agus Comann Phàrantan Sgoile an t-Òib coinneamh phoblach air dòigh airson beachdachadh air dè bu chòir dhaibh a dhèanamh leis an togalach.

Thuirt Iar-chathraiche Comataidh Hub an t-Òib, Catrìona NicIllinnein, gun robh dragh mòr orra mu na planaichean airson na seann sgoile.

"Chuir e dragh mòr uabhasach oirnn nuair a chuala sinn an naidheachd gun robh a' Chomhairle airson an togalach seo a leagail gu làir.

"'S e seo a b' àbhaist a bhith ann agus leis gun deach àireamh nan sgoilearan sìos, thuirt iad, chan eil feum againn air an togalach seo, faodaidh na sgoilearan air fad a dhol dhan aon togalach agus bha iad airson a leagail.

"Thuirt sinne mar choimhearsnachd, uill, chan eil sin ceart.

"Bha an togalach ann an staid mhath gu leòr agus bha sinne a' faicinn gun robh feumalachdan anns a' choimhearsnachd agus faodaidh sinne na feumalachdan sin a choinneachadh leis an togalach seo a leasachadh.

"Agus mar sin, aon oidhche anns an Dàmhair, 's e naoi bliadhna a bhios ann an Dàmhair seo tighinn, thàinig sinn cruinn còmhla airson bhòt air a' chùis agus bhòt a h-uile duine a bha an làthair an oidhche sin gum bu chòir dhuinn feuchainn air an togalach seo a cheannach, a shàbhaladh agus a leasachadh agus seall far a bheil sinn a-nis", thuirt i.

A bharrachd air bùth charthannais agus ionad-nigheadarachd a tha mar-thà air fhosgladh, tha planaichean ann airson gym, café agus oifis a' phuist a stèidheachadh aig an ionad.

Tha dùil gum bi Comann Eachdraidh Cheann a Deas na Hearadh cuideachd ga fhosgladh a-rithist anns an togaladh ann an ùine nach bi fada.

Agus 's e luchd-obrach saor-thoileach às an sgìre a bhios a' ruith an ionaid.

Fhuair am pròiseact tàic-airgid bho ghrunn diofar bhuidhnean agus thuirt Càtriona NicIllinnein gun robh obair mhòr aca an t-airgead a bha a dhìth a chruinneachadh.

"'S iomadh trioblaid a th' air a bhith againn agus iomadh cnap-starra, diofar rudan, airgead, tha mi a' smaoineachadh.

"Duine sam bith a tha an sàs ann an obair saor-thoileach agus ma tha thu an urra ri maoineachadh bho dhiofar bhuidheanan, tha e uabhasach doirbh anns an là a th' ann airgead fhaighinn tro na diofar bhuidhnean maoineachaidh a th' ann.

"Cha robh duine sam bith againn air càil sam bith a dhèanamh mar seo roimhe agus tha sinn air an t-uabhas ionnsachadh agus chanainn ma bha sinn a' dol a dhèanamh an aon rud a-màireach gun dèanadh sinn a h-uile càil ann an dòigh gu math eadar-dhealaichte.

"Tha mise dìreach cho toilichte, tha faireachdainn faochadh mòr uabhasach orm an-dràsta, dìreach gu bheil sinn air a' chùis fhosgladh gu h-oifigeil agus tha mi a' coimhead air adhart a-nis ri na thachras, anns na seachdainnean agus na mìosan ri thighinn.

"Tha sinn sgìth, tha sinn toilichte agus tha sinn a' coimhead air adhart ris an àm ri teachd," thuirt i.