Taic ga h-iarraidh do thidsearan Gàidhlig

Sabhal Mòr OstaigTùs an deilbh, Sabhal Mòr Ostaig
  • Air fhoillseachadh

Chuala co-labhairt gu bheil tidsearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ag iarraidh taic airson piseach a thoirt air a' Ghàidhlig aca fhèin.

Tha co-labhairt - Foghlam na Gàidhlig: An-dè, An-diugh, agus A-màireach, taobh a-muigh - a' dol air adhart air Sabhal Mòr Ostaing an t-seachdain seo.

Tha seo am measg na tha a' tachairt gus 50 bliadhna den cholaiste a chomharrachadh.

Chaidh a' cho-labhairt a chur air bhonn gus luchd-rannsachaidh, tidsearan, is feadhainn eile a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig a thoirt còmhla gus bruidhinn mu na dùbhlain a th' ann, dè tha ag obair, is dè bu chòir tachairt san àm ri teachd.

Thàinig e am bàrr aig ' cho-labhairt Diardaoin gu bheil tidsearan Gàidhlig a' sireadh taic gus an cuid sgilean cànain fhèin a leasachadh.

'S i an Dtr Màiri Anndra a rinn rannsachadh am measg thidsearan Gàidhlig.

"Bha e gu math inntinneach fhaicinn gun e na feumalachdan cànain aca fhèin am prìomh rud a bha iad ag iarraidh taic leis", mhìnich an Dr Anndra.

"Bha feadhainn ag iarraidh barrachd chothroman air cothroman conaltraidh agus bha feadhainn ag iarraidh barrachd tuigse air cànan acadaimigeach.

"Bha a' mhòr-chuid ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu ghràmar na Gàidhlig, gus am b'urrainn dhaibh mìneachadh dha na sgoilearan.

"Cuideachd, beartas cànain, bha iad a' faireachdain nach robh beartas cànain aig ìre dha fheadhainn aca agus gum biodh sin feumail airson cànan nan sgoilearan a thoirt gu ìre na b'àirde agus na bu nàdarra", thuirt i.

Deasbad mu ìre na Gàidhlig

Dh'innis an Dr Anndra gun do nochd an rannsachadh gun robh tòrr a dh'ionnsaich a' Ghàidhlig a' sireadh barrachd taice is i ag ràdh, gu h-àraidh mur a h-eil iad a' fuireach ann an coimhearsnachdan far nach eil a' Ghàidhlig làidir, gur dòcha nach eil mòran chothroman aca an cànan a bhruidhinn taobh a-muigh na sgoile.

Thuirt i gum biodh e feumail nam biodh cothroman aca coinneachadh air loidhne le tidsearan eile no feadhainn eile le Gàidhlig gus na sgilean conaltraidh aca a chumail aig ìre neo a leasachadh.

Bha deasbad ann cuideachd mu dhragh gu bheil gainnead de thidsearan Gàidhlig a' ciallachadh gu bheil feadhainn nach eil 's dòcha uile gu lèir aig ìre air am fastadh.

Thuirt Shona NicCarmaig, a bha na tidsear àrd-sgoile is a tha a-nise stèidhichte aig roinn an foghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, gum bu chòir gach taic a bhith ann airson nan tidsearan.

"Tha a h-uile tidsear feumach air ionnsachadh proifeiseanta agus air cothroman ann an ionnsachadh proifeiseanta.

"Tuigidh sinn gu bheil sgilean cànain aig a h-uile duine aig ìre eadar-dhealaichte, agus bhiomaid gu mòr a' moladh gum biodh na h-ùghdarrasan ionadail agus na sgoiltean mothachail air feumalachdan nan tidsearan a thaobh leasachadh a dhèanamh ann an cànan.

"Mar as treasa a tha cànan nan tidsearan, 's ann nas treasa a bhios cànan nan sgoilearan aig a' cheann thall", thuirt i.

Am measg na bhios ann aig a' cho-labhairt Dihaoine, cluinnear pàipear bhon Oll Wilson MacLeòid a chanas gu bheil e cudromach gum bi àite gu math nas motha aig cultar agus dualchas Gàidhealach ann am FtMG, seach e a bhith stèidhichte gu tur air dòighean ionnsachaidh na Beurla.

Thig a' cho-labhairt gu ceann Disathairne.