Grunn èisg marbh air a lorg sa mhuir aig Cala Dhùn Bheagain

- Air fhoillseachadh
Chaidh grunn èisg agus maoraich marbh a lorg sa mhuir aig Cala Dhùn Bheagain san Eilean Sgitheanach.
Bha cearbanan agus gnè de sgait a tha tearc am measg an stuth a chaidh a lorg agus a chaidh a chlàradh air camara le daibhear aig an deireadh-sheachdain.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air aithris mun t-suidheachadh a chur do dh'Oifis an Iasgaich, agus gun robh iadsan a' rannsachadh na cùise.
Tha a' bhuidheann charthannais Open Seas ag ràdh gum faodadh gur ann bho shoitheach mùsgain-chaoil a nochd an t-iasg.
Thuirt Nick Underdown bhon bhuidhinn gur ann glè ainneamh a bhios dearbhadh de dol a-mach den t-seòrsa seo a' tighinn am follais faisg air na cladaichean.
"Bha tachartas coltach ris a seo, far an deach iasg nach robh a' sireadh a ghlacadh agus a thilgeil air falbh ann an Giogha bho chionn bliadhn gu leth.
"Gu mì-fhortanach, ged a tha tachartasan den t-seòrsa seo a' sealltainn gu bheil an dùmpadh a tha seo a' tachairt, chan ann tric a chìthear a leithid ann an cala.
"Tha a' chuid as motha den dùmpadh a tha seo a' tachart aig muir, a-mach às an t-sealladh gus nach tèid fhaicinn leis a' mhòr-shluagh", thuirt Mgr Underdown.
Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' feuchainn ri dèiligeadh le trioblaidean far a bheil iasg gan tilgeil air falbh gu mì-laghail tro Phoileasaidh Glacaidh san Àm ri Teachd, tha a' faighinn taic bho shiostaman clàraidh eileagtronaigeach agus teicnèolas tracaidh shoithichean gus sùil nas mionaidiche a chumail air obair an iasgaich.