"Seanchas Sgibinis" mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig

Adhamh O' Broin
Fo-thiotal an deilbh,

Thug Adhamh O' Broin cothrom do dhaoine Gàidhlig Earra-Ghàidheal a chluinntinn

  • Air fhoillseachadh

Fhuairear cothrom ionnsachadh mu dhualchas Gàidhlig agus àrainneachd sgìre Sgibinis ann an Cinn Tìre aig deireadh na seachdain.

Bha an tachartas air an robhar a' gabhail "Seanchas Sgibinis" mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig.

Thàinig sluagh còmhla ann an Sgibinis an Cinn Tìre gus barrachd a chluinntinn mu chànan agus àrainneachd na sgìre.

Às dèidh cuairt thàinig a h-uile duine còmhla san talla far an do dh'innis Adhamh O' Broin, a bha a' stiùireadh an tachartais, sgeulachd ann an Gàidhlig Chinn Tìre.

Cruinneachadh ann an Sgibinis

Thuirt Adhamh O' Broin gu bheil coimeas ri dhèanamh eadar an àrainneachd ann an sgìre Sgibinis agus a' Ghàidhlig.

"Mar a tha an àrainneachd agus mar a tha truailleadh air tighinn air an àrainneachd agus tha cron air tighinn air an àrainneachd.

"Agus 's e a' cheart leithid a thachair air na Gàidheil, agus mar sin air a' Ghàidhlig.

"Mar mis, mar a tha an àrainneachd, 's ann mar sin a tha a' Ghàidhlig, 's an dà chuid ceangailte ri chèile mar a tha fios againn, leis an fhacal a bhios a' cluinntinn gu bitheanta là an-diugh - dùthchas.

"B' àbhaist dha a bhith cho rubach 's cho duilich a mhìneachadh, anns na làithean a chaidh seachad 's e facal sìmplidh a b' àbhaist a bhith ann.

"Chan e ach gun robh còir agad a bhith far an deach do thogail 's far an deach do shinnseran a thogail.

"Ach a-nis, tha am facal air leudachadh, a' chiall a tha anns an fhacal air leudachadh far a bheil feum againn air rudeigin a bhios a' toirt seachad tuairisgeul air cho in-fhillte 's tha an gnothach a-nis a thaobh àrainneachd agus fèin-aithne", thuirt e.

Dónal Mac Giolla Chomhgaill
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn Dónal Mac Giolla Chomhgaill eadar-theangachadh air sgeulachd a bhathar ag innse ann an Gàidhlig Earra-Ghàidheal gu Beurla dhan fheadhainn a bha an làthair

Fhad 's a bha Adhamh ag innse na sgeulachd, rinn Dónal Mac Giolla Chomhgaill eadar-theangachadh oirre gu Beurla dhan fheadhainn a bha an làthair.

"Dh'ionnsaich mi tòrr a thaobh chraobhan agus mar a tha an ceangail cho làidir agus fulaingeach eadar cruth na tìre agus Gàidhlig agus mar a tha e cudromach Gàidhlig a chumail beò", thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Cuimhneachan air a' Ghàidhlig an Earra-Ghàidheal

Chuala na bha an làthair nach fada bhon a bha a' Ghàidhlig aig a h-uile duine anns a' bhaile seo.

Togadh Tormod Caimbeul ann an Cinn Tìre agus tha cuimhne aigesan gun robh an cànan ri chluinntinn ann an suidheachaidhean àbhaisteach bho là gu là anns na 70an.

Dh'innis athair Thormoid mu dhraibhear bus ann an Tairbeart Loch Fìn nuair a bha e a' siubhal tron sgìre.

"Bha an draibhear air a' bhus a' bruidhinn na Gàidhlig ris na seann daoine a bha a' tighinn a-mach às na bailtean fearainn, na tuathanasan eadar-dhealaichte agus na sgìrean.

"Agus bhruidhinn m' athair ris aig deireadh an turais, agus bha an duine ag innse dha gun deach a thogail aig àm nuair nach robh a' Ghàidhlig ga toirt seachad dha a cho-aoisean.

"Ach bha a phàrantan-san airson 's gum bruidhneadh e Gàidhlig, agus lean e rithe.

"Agus bha siud ann an 1974 air a' bhus eadar Tairbeart Loch Fìn agus Ceann Loch Chille Chiarain a' bruidhinn na Gàidhlig.

"Chluinneadh tu a' Ghàidhlig ann an suidheachadh mar sin aig an àm sin", thuirt Tormod.

Agus bha a' Ghàidhlig fhathast an Cinn Tìre gu ìre anns na 80an.

Ach ged a tha a h-uile coltas ann nach eil i aig duine anns an là th' ann, bhathar ga cluinntinn a-rithist aig an deireadh-sheachdain.