Nas lugha de chrainn-fòna gu bhith air an tuath an Alba an dèidh iomairt

Crann-fònaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh pròiseact gus còrr is 250 crann-fòna a thogail an sgìrean dùthchail an Alba a ghearradh gu mòr an dèidh iomairt luchd-glèidhteachais agus bhuidhnean gnìomhachais.

Tha pròiseact Lìonra Dùthchail Co-roinnte (SRN), aonta eadar Riaghtaltas na Rìoghachd agus na companaidhean conaltraidh mòra, ag amas air seirbheis fòn-làimhe a lìbhrigeadh do 95% den dùthaich.

Bhathar airson 258 crainn 4G a chur an-àirde; cha bhi a-nis ach 44.

Tha seo an dèidh do ghrunn bhuidhnean mar Urras John Muir, Urras Nàiseanta na h-Alba, Oighreachdan agus Fearann na h-Alba agus cuid de chomhairlean coimhearsnachd, am measg eile, ìmpidh a chur air an Riaghaltas.

Bha an luchd-iomairt ag ràdh gum biodh crainn air an cur ann an sgìrean far nach robh iad a dhìth agus gum bi pròiseact nas lugha a' cur dìon air cuid de na seallaidhean as bòidhche an Alba

Chuir Tòmas Widrow bho Urras John Muir fàilte air "an naidheachd mhath airson seallaidhean-tìre mìorbhaileach agus bith-iomadachd na h-Alba".

Thuirt e: "Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil ceanglaichean ann an àitichean far a bheil daoine a' fuireach agus ag obair, chan ann sna sgìrean dùthchail as iomallaiche agus as cugallaiche."

Thuirt Ministear an Tele-chonaltraidh, Sir Chris Bryant: "Fo na planaichean ùra againn le na companaidhean fòna bidh sinn ag amas air seirbheis a thoirt do na sgìrean dùthchail an Alba far a bheil daoine a' còmhnaidh, ag obair agus a' siubhal ann, slighean coiseachd nam measg.

"Tha seo a' dèanamh cinnteach nach bi crainn ach ann an sgìrean as motha air a bheil feum orra."