Luchd-teasairginn a' dèiligeadh ri muc-mhara glacte ann an ròp far Stafainn

A' mhuc-mharaTùs an deilbh, Anthony Rigell
  • Air fhoillseachadh

Tha muc-mhara dhronnach an èiginn an dèidh mar a chaidh i àn sàs ann an ròpa ann an tuathanas-èisg far an Eilein Sgitheanaich.

Thuirt a' chompanaidh Organic Sea Harvest gun deach am beathach a ghlacadh ann an ropa ann an tuathanas-èisg Inbhir Tobhta.

Tha iad air an obair aca aig an làraich a stad rè ùine.

Thuirt iad cuideachd gun do chuir iad fios air Riaghaltas na h-Alba is ùghdarrasan eile cho luath 's a thàinig an suidheachadh am bàrr.

Thuirt Dàibhearan Teasairginn nam Beathaichean Mara (BDMLR) gun d' fhuair iadsan fios mun chùis far chladaichean Stafainn mu 08:30 sa mhadainn Diardaoin.

Thuirt iad gun d' fhuair a' chiad rannsachadh aca nach robh e comasach dhan mhuc-mhara snàmh ceart.

Thuirt BDMLR gun do dh'iarr iad air daoine a thighinn gan cuideachd bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus gun obraicheadh iad còmhla ri daoine bhon choimhearsnachd agus na seirbheisean èiginn feuch am beathach a shaoradh.

Thuirt neach-labhairt: "Tha sinn ag iarraidh air a' phoball agus daoine ann an eathraichean gun a thighinn airson a' mhuc-mhara fhaicinn airson slighean dhan obair teasairginn a chumail fosgailte."

Thuirt an carthannas gun d' fhuair na saor-thoilich aca trèanadh ann a bhith a' saoradh mhucan-mara agus gun deach aca air cobhair a dhèanamh air muc-mhara dhronnach a bha air a glacadh ann an ròpaichean clèibhe ann an Loch Fìn air an 4mh den t-Samhain.

Faodaidh mucan-mara dronnach a bhith cho mòr ri 17 meatair de dh'fhaid nuair a thig iad gu ìre.

Sa Chèitean 2023, thàinig tè air tìr air a' Ghàidhealtachd agus tha eòlaichean den bheachd gun do bhàsaich i an dèidh dhi a dhol an sàs ann an loidhnichean iasgaich.

Bha carcas a' bheathaich air a lorg sna coileagan gainmhich ann an Tèarmann Nàdair Loch Fleòid faisg air Goillspidh.

Fhuair sgrùdadh gur e muc-mhara dhronnach boireann òg a bh' ann.

Chaidh mucan-mara dronnach eile fhaighinn marbh ann an Lodainn an Ear agus ann an Gallaibh an dèidh dhaibh a dhol an sàs ann an sprùilleach mara.