Rabhadh gaoithe is sneachda do dh'Alba gu lèir
- Air fhoillseachadh
Sgaoil Oifis na Sìde rabhadh Buidhe airson sneachda, taobh a-muigh agus gaoithe, taobh a-muigh airson Alba gu lèir Dihaoine.
Tha cuideachd rabhadh Òmar, taobh a-muigh ann am meadhan na h-Alba airson gaoithe, agus Stoirm Éowyn a' gluasad bhon iar-dheas chun an ear-thuath.
Tha dùil ri uspagan suas ri 60-70 m.s.u. ann am mòran sgìrean a-staigh air an dùthaich, 70-80 m.s.u. ann an cuid de sgìrean, agus fiù 's cho làidir ri 90 no nas làidire ann an àiteachan fosgailte agus air na mullaichean.
Tha dùil gun lagaich a' ghaoth treis fhad 's a ghluaiseas cridhe na stoirme tarsainn na dùthcha, ach bu chòir a bhith an dùil gun neartaich a' ghaoth gu math luath an dèidh sin.
Bu chòir gun socraich a' ghaoth mean air mhean deireadh an là Dihaoine.