An Gàidheal a thiodhlaigeadh gun eanchainn
- Air fhoillseachadh
Tha teaghlach shaighdeir Ghàidhealaich air a bhith ag iomairt airson 's gun tèid bloighean den eanchainn aige a chaidh a thoirt às an dèidh a bhàis a thiodhlaigeadh leis an dust aige sa Ghearmailt.
Bhàsaich Donaidh MacRath ann an 1941 's e na phrìosanach cogaidh anns a' Ghearmailt.
Bhuineadh Donaidh do Gheàrrloch, far an deach a thogail - coltach ris a' mhòr-chuid de shluagh na sgìre aig an àm - leis a' Ghàidhlig.
Tha an teaghlach a-niste airson 's gun tèid snaigheadh a bharrachd, sa Ghàidhlig, a chur air a' chloich-uaghaich aige.
Leis gun robh trioblaid nearbhasach thearc air, chaidh eanchainn agus pàirt de chòrd an droma aige a thoirt às airson rannsachaidh.
Chaidh an cur gu Instiut a' Khaiser Wilhelm airson Leigheas-inntinn ann am Munich.
Chaidh an dust aige a thiodhlaigeadh leis na Gearmailtich, agus an uair sin a thiodhlaigeadh a-rithist leis na co-chòmhragaich aig Cladh Cogaidh a' Cho-fhlaitheis ann am Berlin.
Cha robh fios aig duine ge-tà, gun deach eanchainn a thoirt às.
Tha mu 160 sliseag bheag de dh'eanchainn Donaidh fhathast gan cumail san tasglann aig an Institut - air a bheil a-niste Institut Max Planck airson Leigheas-inntinn.
Tha prògram aithriseach ùr air BBC Radio 4 - Shadow of War: A Tainted Anatomy - a' coimhead ri carson a thachair seo, agus an obair a tha a' dol gus an eanchainn aig Donaidh a thiodhlaigeadh le a chorp.
B' e pìobairean agus tàillearan tàlantach a bh' anns an teaghlach, agus bha planaichean aig Donaidh fhèin gnothachas a thòiseachadh ann am Blàr Athall ann an Siorrachd Pheairt, far an robh a bhràthair ag obair na chauffeur aig taigh-òsta, a' dèanamh aodaich le clò às a' bhaile aige fhèin.
Ann an 1939 ge-tà, nuair a thòisich an Dàrna Cogadh, ghabh Donaidh anns an Arm Roinneil (an TA).
Na shaighdear prìobhaideach anns na Gàidheil Shìophortaich, chaidh a ghlacadh na phrìosanach cogaidh aig St Valery, air costa tuath na Frainge, san Ògmhios 1940.
Bhàsaich e air a' bhliadhna an dèidh sin, aois dìreach 33, ann an ospadal aig campa phrìosanach.
Ged a b' aithne dha theaghlach gun deach a ghlacadh, agus a chaidh innse dhaibh mu a bhàs, cha deach fios a thoirt dhaibh riamh gun deach rannsachadh post-mortem a dhèanamh air, no gun deach sampaill a thoirt às eanchainn.
Cha b' ann gu 2020 gu dearbha, nuair a chuir an t-Oll. Paul Weindling aig Oilthigh Oxford Brookes fios thuca, a fhuair nighean a bhràthair, Libby NicRath, a-mach mu na thachair an dèidh bhàs Dhonaidh.
Tha an t-Oll. Weindling na phàirt de bhuidhinn eadar-nàiseanta a tha a' rannsachadh chlàraidhean de na mìltean eanchainn a bha gan glèidheadh le Comann Max Planck anns a' Ghearmailt.
Tha iad ag amas air na daoine uile aithneachadh agus cuimhne cheart a dhèanamh orra.
"'S e aon bhuidheann dha nach deach aire a thoirt, gun teagamh, prìosanaich chogaidh às an tugadh eanchainnean leis na Gearmailtich airson rannsachadh neuropathological, 's a thasgadh airson iomadh, iomadh bliadhna," thuirt an t-Oll. Weindling.
Bha na Gearmailtich airson a bhith ri uchd rannsachaidh mheadaigich, agus 's e na thug bàs dha Donaidh a dh'fhàg gun deach eanchainn a chur dhan institut ann am Munich.
Nuair a chaidh a ghlacadh, bha e air a leòn le peilear à raidhfil na dhruim agus na ghlùin chlì.
Ged a chaidh a lotan a leigheas, chaidh a thoirt air ais don ospadal, far an deach e am miosad sna mìosan an dèidh sin.
An toiseach, bha fradharc dùbailte aige, dìorraich na mheòir, agus duilgheadas le bhith a' bruidhinn.
Lean sin gu parailis na dhà ghàirdean, 's chaill e comas labhairt.
Sna làithean mu dheireadh aige, cha b' urrainn dha gluasad idir.
Bhàsaich e air an t-6mh là den Mhàrt 1941, 's trioblaid thearc ris an canar Landry's Paralysis air - rud ris an canar Guillain-Barré syndrome anns an Rìoghachd Aonaichte, far a bheil siostam dìon na bodhaige a' toirt ionnsaigh air siostam nan nearbhaichean.
Chan àbhaist dha a bhith mairbhteach, agus ri linn sin rinneadh rannsachadh post mortem air, le eanchainn ga gearradh suas.
Cha robh seo neo-àbhaisteach aig an àm.
Chaidh sliseagan de dh'eanchainn Donaidh, agus còrd a dhroma, a chur ann an leann sònraichte 's a shuidheachadh ann an leòsan microscope airson rannsachadh a dhèanamh mun trioblaid a thug bàs dha.
"Tha e doirbh a ràdh cò ris a tha e coltach," thuirt nighean a bhràthar, Libby.
"Saoilidh mi gu bheil e caran grod, dha-rìribh, a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn."
Chan eil Donaidh na aonar, agus an t-Oll. Weindling 's an sgioba aige air lorg fhaighinn air ceathrar phrìosanach Breatannach eile dhan deach an aon rud a dhèanamh ann an 1941.
B' iad sin Patrick O'Connell, Dòmhnall MacPhàil, Joseph Elston agus William Lancaster.
Gu bho chionn ghlè ghoirid cha robh fios idir aig teaghlaichean gin aca mu na thachair.
Tha iad am measg mu 2,000 eanchainn a chaidh a thoirt à cuirp airson rannsachaidh le prìomh institiutan Bherlin agus Mhunich tron Dàrna Cogadh - nam measg eanchainnean chloinne a chaidh a mhurt san Holocaust.
Thachair e cuideachd do Iùdhaich agus Caitligich Phòlannach, feadhainn le tinneas-inntinn, prìosanaich phoileataigeach, Beilgich a bha a' strì an aghaidh nan Natsach, agus saighdearan Frangach is Pòlannach.
Tha fios le cinnt gun tug institiudan Gearmailteach eile cuideachd pàirtean bho chuirp airson rannsachaidh.
Chaidh sampaill à eanchainn Donaidh MhicRath a chumail air adhbharan rannsachaidh gu 2015, nuair a chaidh an cur ann an cruinneachadh san tasglann.
A-niste, còrr air 80 bliadhna an dèidh a bhàis, tha obair a' dol gus an tiodhlaigeadh san uaigh aige ann am Berlin.
O chionn ghoirid, ghabh Coimisean Uaighean Cogaidh a' Cho-fhlaitheis ri iarrtas sampaill eanchainn agus còrd droma Dhonaidh a thiodhlaigeadh còmhla ris an dust aige.
Tha iad an dòchas sin a dhèanamh nas fhaide den bhliadhna.
"Tha mi cho toilichte gu bheil Coimisean Uaighean Cogaidh a' Cho-fhlaitheis air aontachadh na sampaill a thiodhlaigeadh, agus gum bi Donaidh gu lèir aig fois," thuirt nighean a bhràthar, Libby.
Tha i airson 's gun tèid snaigheadh a bharrachd, sa Ghàidhlig, a chur ri clach-uaghach Dhonaidh ann am Berilin - "Faodaidh an saoghal tighinn gu crìch, ach mairidh gaol is ceòl gu bràth".