An t-Eilean: Dòchas gun cruthaich dràma eucoir slighean ùra dhan Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh
Thèid a' chiad phrògram den t-sreath dràma ùr, An t-Eilean, a chraoladh air BBC Alba a-nochd.
Suidhichte ann an Leòdhas is na Hearadh, tha rannsachadh muirt aig cridhe an sgeòil thoinnte mu chall, breugan agus rùintean-dìomhair.
Le buidseat de chòrr air £4m uile gu lèir, 's e an dràma Gàidhlig as motha air an deach airgead a chosg a-riamh.
Còrr is 16 bliadhna as dèidh do BhBC Alba a bhith air a stèidheachadh, tha an sreath a' gabhail cheumanan ùra airson craoladh na Gàidhlig.
Anns a' phrògram, tha bana-phoileas òg, Kat Crichton (Sorcha Groundsell), ga cuir gu na h-Eileanan an Iar agus murt ga rannsachadh.
An toiseach tha coltas ann gun deach bean an fhir bheartaich, Dùghlas MacIlleathain, a mharbhadh ann am mèirle a chaidh ceàrr.
Ach tha eòlas aig Kat, a tha a' tilleadh dhachaigh às dèidh deich bliadhna, air Dùghlas agus an teaghlach aige agus tha ise dhen bheachd gun robh esan an sàs ann an dòigh air choireigin.
'S e Iain MacRath a tha a' cluich Dùghlas MacIlleathain sa phrògram.
"Chan e fear a tha ann an Dùghlas a bhithinn fhèin airson coinneachadh ris", thuirt e.
"'S e milleanair a th' ann agus tha e cleachdte ri bhith a' faighinn na tha e ag iarraidh, agus duine sam bith a tha anns an rathad, thèid an sguabadh air falbh."
Thogadh Iain anns na Hearadh agus tha e ag ràdh gur e tlachd mòr a bh' ann dha a bhith air ais ag obair ann.
"'S e rud mòr a bh' ann dhomhsa tighinn air ais gus seo a dhèanamh", thuirt e.
"Tha e air a bhith car annasach ag èirigh cho tràth sa mhadainn agus a' faicinn nam beanntan is nan gleanntan, nan lochan agus na mara, air mo shlighe a dh'obair.
"Nuair a nochd an cothrom, cha b' e ruith ach leum a bh' ann dhomh."
Tha Iain air a bhith an sàs ann an dràma Gàidhlig thar iomadach bliadhna agus tha e a' faicinn an t-sreath ùr mar cheum air adhart.
"Chan e rud a th' ann a chaidh fheuchainn roimhe agus tha an t-àm ann gun ruig dràma Gàidhlig barrachd dhaoine - gum faic an saoghal, ma dh'fhaodas mi a chur mar sin, gu bheil dràma na Gàidhlig aig ìre agus gu bheil deagh sgeulachdan againn ri innse."
The Meredith Brook a' cluich nighean Dhùghlais, Sìne NicIlleathain.
"Tha mi smaoineachadh gum bi ùidh mhòr aig daoine ann a bhith a' faicinn chleasaichean nach fhaca iad roimhe, agus cuideachd ann am mar a tha cleachdadh na Gàidhlig air a riochdachadh", thuirt i.
"Tha sinn aig crois-rathaid far a bheil daoine a' tuigsinn gu bheil a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig àbhaisteach, agus gu bheil i air a cleachdadh gach latha anns na h-eileanan an iar.
"Mar sin, tha mi smaoineachadh gu bheil seo a' tachairt aig àm cudromach agus an t-ath-bheòthachadh seo ann le Gàidhlig agus telebhisean Gàidhlig, agus daoine a' faicinn gum faod telebhisean na Gàidhlig a bhith coltach ri telebhisean na Danmhairg."
Ann am beachd Sorcha Groundsell, tha a bhith a' cur prògram ri chèile aig an ìre seo mu dheidhinn cothrom na fèinne a thoirt dhan Ghàidhlig.
"Tha e gu math cudromach agus tha làn thìde ann air a shon", thuirt i.
"Chan eil sinn a' faighinn ùine, airgead riaghaltais, no aire san dòigh a bu chòir.
"Tha an t-àm ann gun gabh sinn sealbh air ar cànan agus gum mol sinn i mar rud a tha a' toirt tlachd mòr dha iomadach duine."
'S e Black Camel Pictures a rinn An t-Eilean, sa bheil ceithir earrannan 50 mionaidean de dh'fhaid, agus tha e air a mhaoineachadh le MG ALBA, All3Media International agus Sgrìn Alba.
Bidh e air a shealltainn air BBC Alba, iPlayer a' BhBC agus BBC Four, agus chaidh an sreath mar-thà a reic ri companaidhean ann an dùthchannan eile
"Tha sinn uile mothachail gu bheil dràmathan aig àrd-ìre a' nochdadh air diofar sheirbheisean agus feumaidh sinn a bhith mar phàirt dhan t-saoghal sin", thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA.
"Bidh a h-uile duine a bha an sàs a' dèanamh an slat-tomhais aca fhèin air seo ach dhuinne aig MG Alba, tha e mu dheidhinn an luchd-amhairc againn.
"A bheil an luchd-amhairc toilichte, an d' fhuair iad susbaint, an d' fhuair iad tlachd a-mach às an t-susbaint sin, agus cuideachd a bheil am pròiseact seo a' toirt misneachd dhan choimhearsnachd chruthachail againn ann an Alba."
Chìthear An t-Eilean air BBC Alba aig 9f Dimàirt agus bidh e ri fhaighinn cuideachd air iPlayer a' BhBC.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Dùbhlachd 2024
- Air fhoillseachadh19 An Giblean 2024
- Air fhoillseachadh16 Am Màrt 2024