Dylan, Duluth, agus Balaich an Iasgaich
- Air fhoillseachadh
Tha 'When the Ship Comes' in le Bob Dylan agus 'Balaich an Iasgaich' le Dòmhnall Moireasdan am measg nan òran seòlaidh a b' fheàrr a chaidh a dhèanamh.
Ach tha rudeigin a bharrachd a tha gan ceangal na dìreach ìomhaigheachd na mara.
'S e sin baile a bha gu math cudromach ann am beatha an fheadhainn a rinn iad - Duluth, Minnesota.
Air cladach Lake Superior, fear de na Great Lakes, tha mu 80,000 duine a' fuireach ann an Duluth. Tha e beagan nas motha na Inbhir Nis.
Rinn Dòmhnall Moireasdan eilthireachd à Bràdhagair air taobh siar Leòdhais ann an 1887.
Beagan às dèidh sin, rinn seanair is seanmhair Bob Dylan, Zigman agus Anna Zimmerman, an aon rud à Odessa.
Bha iad le chèile ag obair ann an gnìomhachas an aodaich ann an an Duluth - Dòmhnall le bùth tàillearachd agus Zigman a' reic bhrògan.
Tha sgeulachd nan Zimmermans aithnichte, ach 's e glè bheag de rannsachadh a rinneadh roimhe air beatha Dhòmhnaill, ged a tha briathran nan òran aige, 'Balaich an Iasgaich' agus 'Eilean Beag Donn a' Chuain', cho ainmeil ri feadhainn sam bith ann an Gàidhlig.
Shoirbhich le gnìomhachas tàillearachd Dhòmhnaill ann an Duluth agus thàinig air a bhith beartach.
Ged a chaill e tòrr aig àm an t-Seacaidh Mhòir, thug e a-mach ceàrd mar chiropractor agus shoirbhich leis uair eile.
Bha còignear chloinne aig Dòmhnall agus a bhean, Mairead, triùir mhac agus dithis nigheanan. Gu duilich, bhàsaich triùir de na balaich is gun iad ach òg.
Tha cunntas pàipear-naidheachd bho 1914 ag innse mar a chaidh a mhac, Eanraig, a bhàthadh is e a-muigh a' snàmh. Bhàsaich an dithis bhalach eile le tinneasan.
Ged a rugadh Dòmhnall mu 1860, agus e air bàsachadh ann an 1951, fhuair mi cothrom bruidhinn ri cuideigin le càirdeas gu math dlùth ris.
'S i Màiri NicAmhlaigh nighean bràthair a' bhàird, Murchadh. Bhiodh i a' sgrìobhadh gu bràthair a h-athar ann an Duluth nuair a bha i òg.
"'S ann am Beurla a bhiodh e a' sgrìobhadh agus bha e gu math comasach," thuirt i.
"Bha e snog agus cha chreids' mi nach robh e aighearrach, shaoileadh tu sin air a bhàrdachd co-dhiù.
"Agus cha chreids' mi nach robh an cianalas air an-còmhnaidh agus fiù 's anns an litir mu dheireadh a fhuair mi bhuaithe, bha e ag ràdh sin."
Aon dòigh a bh' aige air dèiligeadh ri seo, 's e gun deach e an sàs ann an Comann Leòdhasach sa bhaile, agus grunn mhath às an eilean air eilthireachd a dhèanamh ann aig deireadh na 19mh agus toiseach na 20mh Linne.
Dh'innis iomradh-bàis anns an Duluth Herald ann an 1951 gun robh Dòmhnall an sàs ann an diofar bhuidhnean Albannach eile cuideachd, is gur e duine a bh' ann le cliù sa bhaile.
Ged a thuirt am pàipear gun do sgrìobh e mòran òran, chan eil lorg air a bhith ann ach air an dà òran ainmeil. Ach tha rannan a bharrachd aig Màiri, ann an leabhar a chuir Dòmhnall thuice.
"'S e Leabhar-là a bh' aig aon den chlann-nighean aige a bh' ann. Bha ise air a shadail air falbh agus thog e e, agus sgrìobh e fhèin na rannan aige ann," dh'innis i dhomh.
Nam measg, bha rannan a chuir e gu Comann Leòdhasach eile ann am Winnipeg.
Ma chuir sealbh a-mach gu an iar sibh,
Am measg nam beann agus nam mathan fhiadhaich,
Far nach fhaic sibh cuan na shiabain,
Feadag chiar no naosg.
Bithibh aoibheil, coibhneil, càirdeil,
Seall nach caill ur cloinn a' Ghàidhlig
Cùl ùr làimh cuir ris a' ghràisg,
A chàineas cainnt an fhraoich.
Thill e dhachaigh dà uair, ann an 1905 agus 1937.
An dàrna turas, tha e coltach gun do dh'fhuirich e mìosan na b' fhaide na bha dùil aige agus b' fheudar a theaghlach fios a chur a dh'fhaighneachd cuin a bha e a' tilleadh.
Nuair a rinn e sin mu dheireadh, bha sluagh de chàirdean is de cho-aoisean air tìr ann an Steòrnabhagh a' seinn 'Eilean Beag Donn a' Chuain' fhad's a sheòl am bàta.
Tha coltas ann gun deach co-dhiù an t-òran sin, a tha a' coimhead air ais air seirbheis muinntir Leòdhais sa Chogadh Mhòr, a sgrìobhadh ann an Duluth.
Chaidh 'Eilean Beag Donn a' Chuain' agus 'Balaich an Iasgaich' fad is farsaing.
Mar a bhiodh dùil, bha meas mòr orra ann am baile àraich a' bhàird.
"Bha Dòmhnall air caochladh mus do rugadh mise, ach seach gun robh na h-òrain cho ainmeil, bha fios againn mu an deidhinn," thuirt Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, a bhuineas do Bhràdhagair.
"Agus bha 'Balaich an Iasgaich' anns an leabhar bheag bhuidhe, the Ceilidh Song-book."
Tha Dòmhnall Mìcheal den bheachd gur e cho math 's a tha a bhàrdachd an t-adhbhar a sgaoil na h-òrain cho fada.
"Tha bàrdachd ann an 'Eilean Beag Donn a' Chuain' a tha gu math domhain agus a' toirt a-steach iomadh rud a thaobh dachaigh, agus rudan spioradail, is cogadh.
"Ma nì thu sgrùdadh air, chì thu gur e bàrdachd air leth a th' ann."
A' tilleadh gu Minnesota agus ar sgrìobhadair-òrain eile, rugadh Bob Dylan, mar Robert Zimmerman, ann an 1941. Bha e ann an Duluth gus an robh e 6, nuair a ghluais an teaghlach gu baile eile san sgìre, Hibbing.
Bha taigh nan Zimmermans ann an Duluth faisg air taigh-òsta Lennox, far an robh Dòmhnall a' fuireach mu dheireadh, ach feumaidh mi aideachadh nach d' fhuair mi fianais fhathast gun do choinnich iad.
Cò aig a tha fios ge-tà, nach cuala am balach beag briathran 'Balaich an Iasgaich' no 'Eilean Beag Donn a' Chuain' tro uinneig air choireigin sa bhaile, agus nach d' fhuair e spionnadh 'son an ama ri teachd.
Ann am beachd Dhòmhnaill Mhìcheil, 's e oideachadh math a bh' air a bhith ann.
"Tha tòrr acain agus co-fhuaimneachaidh ann am bàrdachd na Gàidhlig agus tha na tuisealan agad ag atharrachadh. Agus mar sin tha e tòrr nas duilghe a bhith a' cruthachadh bàrdachd mhath ann an cànan mar a' Ghàidhlig, seach a bhith ga dhèanamh ann am Beurla.
"Ach cha b' urrainn dhomh a ràdh gun robh e na b' fhèarr na Bob Dylan - gheibhinn mo mhì-shealbh bho na h-eòlaichean!
"Ach nan robh Gàidhlig aig a h-uile duine, cuiridh mi geall gum biodh Dòmhnall a cheart cho ainmeil ri Bob Dylan."