Cà' Deach Sgealban na Cloiche?
- Air fhoillseachadh
Thòisich iomairt airson lorg fhaighinn air pìosan den Lia Fàil (Clach Sgàin) a bhris nuair a chaidh falbh leatha san Dùbhlachdd 1950.
Air Là na Nollaige bhris ceathrar oileanach Albannach, Iain Hamilton, Gavin Vernon, Ailean Stiùbhart agus Kay NicMhathain, a-steach a dh'Abaid Westminster agus thug iad air falbh a' chlach shamhlachail airson a tilleadh a dh'Alba.
Bha iad a' strì airson neo-eisimeileachd do dh'Alba agus bha iad den bheachd gun toireadh an iomairt seo teachdaireachd làidir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Bha a' chlach shamhlachail uair air a cleachdadh nuair a bhathar a' crùnadh rìghrean na h-Alba.
Bhris a' chlach ge-tà fhad 's a bha iad a' falbh leatha. Chaidh a càradh ach chùm an clachair pìosan den chloich, chaidh an clàradh agus chaidh an toirt do ghrunn dhaoine.
Tha dùil gu bheil còrr is 30 sgealb dhith air nach eil sgeul, agus tha an t-Oll. Sally Foster bho Oilthigh Shruighlea a-nis airson faighinn a-mach dè thachair dhaibh gus an gabh an seanchas innse.
Tha an t-Oll. Foster airson cluinntinn bho dhaoine a dh'fhaodadh cuideachadh leis an rannsachadh.
Thug an clachair, Bertie Gray, cuid de sgealban na cloiche dhan cheathrar oileanach a rinn an goid, agus do dhaoine air an robh meas aige a bha an sàs san iomairt airson neo-eisimeileachd.
Am measg nam prìomh Nàiseantach aig an robh pìos den chloich ainmeil bha Margo Dhòmhnallach agus Winnie Ewing a rinn broidse leis.
Tha fios gun robh sgealb aig Ailig Salmond a chaidh a chumail aig prìomh-oifis an SNP.
Ach chan e a' cheist tuilleadh Cà' deach a' Chlach mar a dh'fhaighnich an t-òran ainmeil a rinn Dòmhnall Ruadh Phàislig - ach càite a bheil na pìosan dhith a tha a dhìth?
Chaidh an Lia Fàil a ghluasad gu dachaigh ùr ann an Taigh-tasgaidh Pheairt an-uiridh.