Thèid Sabhal Mòr Ostaig mar phàirt den Ionad airson Sàr-mhathais ann an Teagasg

- Air fhoillseachadh
Thèid Sabhal Mòr Ostaig na 'Hub Gàidhlig' mar phàirt den Ionad airson Sàr-mhathais ann an Teagasg, goireas a tha stèidhichte aig Oilthigh Glaschu.
Dh'ainmich Rùnaire an Fhoghlaim, Jenny Gilruth, an naidheachd 's i air thuras dhan Cholaiste Ghàidhlig an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich Diaordaoin.
Thuirt Ms Gilruth gum bi an t-ionad ùr ag amas air sgilean ùra a thoirt don "ath-ghinealach do luchd-teagaisg na Gàidhlig" airson piseach a thoirt air foghlam tron chànan air feadh na dùthcha.
"Dhomh-sa, 's e cothrom a tha seo taic nas fheàrr a chumail ri tidsearan gu nàiseanta agus 's e dòigh ùr a th' anns an Ionad airson Sàr-mhathais ann an Teagasg sin a dhèanamh stèidhichte air fianais acadaimigeach," mhìnich i.
Dhearbh Ms Gilruth gum faigh an Sabhal Mòr £200,000 airson a dhol mar phàirt den iomairt nàiseanta.

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim gur e amas an ionaid ùir sgilean ùra a thoirt don "ath-ghinealach do luchd-teagaisg na Gàidhlig"
Chuir Sabhal Mòr Ostaig fàilte mhòr air na planaichean agus thuirt iad gu bheil iad a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Oilthigh Ghlaschu.
Tha a' Cholaiste gu bhith gu mòr an urra ri ionnsachadh a thabhann do thidsearan Gàidhlig an Alba nan leasachadh proifeasanta.
"Tha e mar dhleasdanas air a h-uile tidsear a bhith an sàs ann an ionnsachadh proifeasanta fad dreuchd," thuirt Shona NicCarmaig, Stiùiriche Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig.
"Tha modhan teagaisg ann am bogadh air leth cudromach agus 's dòcha nach b' e sin an dòigh a dh'ionnsaich cuid de thidsearan an obair aca.
"Tha fios againn air suidheachaidhean far nach eil ach aon tidsear sa sgoil agus tha e uabhasach duilich àrainneachd bheartach a chruthachadh do sgoilearan.
"'Tha sinn gu mòr airson agus gum bi cothrom aca a dhol an sàs ann am modhan bogaidh agus a bhith a' cnuasachadh air an leithid còmhla agus 's dòcha coimhearsnachd ionnsachaidh a chruthachadh far an tèid aca air a bhith a' bruidhinn ri chèile," thuirt i.
Bha Jenny Gilruth a' tadhal air Slèite is òraid SMO ga toirt seachad Diardaoin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2024
- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2022
- Air fhoillseachadh16 An t-Ògmhios 2023
- Buaidh-aithris
- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2023