Blasad de Ghàidhlig Ulapuil

Màiri Anna Chaimbeul is an nighean aice Heather Cumming
- Air fhoillseachadh
Ged a tha cùisean gu math eadar-dhealaichte an-diugh, bha àm ann nuair a bha mòran ann an sgìre Loch Bhraoin a' bruidhinn na Gàidhlig.
Tha deagh chuimhne aig Màiri Anna Chaimbeul air na làithean sin.
Rugadh Màiri Anna NicLeòid, mar a bh' oirre an uairsin, anns an t-Srathan - àite beag eadar Ulapul is Àird Mhèara.
Nuair a bha ise a' fàs suas, bho chionn faisg air 100 bliadhna, bha Gàidhlig aig a' mhòr-chuid a-muigh air an tuath.
Mun àm a dhùin an sgoil bheag ionadail anns an robh i an toiseach agus a chaidh i dhan sgoil an Ulapul, b' e a' Bheurla a bh' aig cuid mhath dhen chloinn.
Bhiodh iad sin a' tarraing às an fheadhainn, mar a bha ise, a bha a' fuireach a-muigh air an dùthaich.
Thòisich an cànan air crìonadh gu mòr ann an Loch Bhraoin ri linn Achd an Fhoghlaim ann an 1872.
Dh'adhbharaich an t-achd nach robhar ga teagasg ann an sgoiltean tuilleadh, agus gum biodh cuid a sgoilearan air an droch dhochann airson a bruidhinn.
A rèir a' chunntais-shluaigh ann an 1881, bha Gàidhlig aig mu 92% de shluagh Loch Bhraoin.
50 bliadhna às dèidh sin, mun àm a rugadh Màiri, bha i fhathast aig 72%.
A-mach à 1,439 Gàidheal a bh' ann an uair sin ann an 1931, cho fad 's as aithne dhuinn, chan eil air fhàgail ach i fhèin le dualchainnt na sgìre.
San là a th' ann an-diugh, tha sgoil-àraich Ghàidhlig ann, ionad ann am Bun-Sgoil Ulapuil, agus clas san àrd-sgoil.
Chan e cainnt na sgìre a gheibh iad an sin ge-tà, ach measgachadh de dhual-chainntean.
Heather Cumming, nighean Màiri
Nuair a bha mi fhìn a' fàs suas ann an Ulapul, cha robh fhios agam fiù 's gun robh a leithid de rud ann ri Gàidhlig na sgìre idir, idir.
Bidh gu leòr de phàrantan a' cur an cuid chloinne tro FtMG is iad mothachail air an iomadh buannachd a tha na lùib.
Gu mì-fhortanach ge-tà, chan eil mòran chothroman aca a cleachdadh taobh a-muigh na sgoile agus Beurla aig a' mhòr-chuid aig an taigh.
Bidh gu leòr a' cur cùl rithe aon uair 's gum fàg iad an sgoil agus ga dìochuimhneachadh gu sgiobalta.
Tha e doirbh a ràdh an gabhadh coimhearsnachd Ghàidhlig sheasmhach cruthachadh anns an sgìre uair eile mar a chunnaic Màiri.
Ach, tha fhios nach ann san aithghearrachd a thachras sin co-dhiù.