Guma slàn leis na fèilltibh

Chunnaic crodh an stannd 'son an turas mu dheireadh an t-seachdain seo, ag ullachadh air thoiseach air Fèill Rìoghail na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Fad ghinealaichean bha muinntir Bhàideanach agus Sràth Spè a' rèic an cuid sprèidh aig a' mhargaidh ann an Ceann a' Ghiuthsaich.
Bha an fhèill mu dheireadh aca ann an 2021 agus a-nis tha planaichean ann gus an stannd mhargaidh eachdraidheil a leagail.
Tha an t-seann mhargaidh air talamh maith choithchinn agus tha comhairlichean a' sireadh bheachdan air dòighean gus a chur gu feum san àm ri teachd.
Chaidh a' bhuaile a chleachdadh le crodh airson an turas mu dheireadh an t-seachdain seo, airson ullachadh a dhèanamh air thoiseach air taisbeanadh aig Fèill Rìoghail na Gàidhealtachd ann an Dùn Èideann a thòisicheas Diardaoin.

Chluinneadh Ruairidh Ormiston òrain Ghàidhlig aig an fhèill na òige
Bhiodh Ruairidh Ormiston a' tighinn dhan mhargaidh na bhalachan beag, 's a theaghlach le tac anns an Lagan ann an Srath Mathaisidh aig an àm.
Tha cuimhne aige, anns na 1970an, gum biodh mu 3,000 no 4,000 caora gan reic.
Ach chan fheum thu a dhol mòran nas fhaide air ais, gu na 1930an, airson figearan leithid 500 beathach-mairt gan reic aig fèill, agus mu 6,000 beathach aig fèill chaorach.
"An rud a b' fheàrr mu bhith a' tighinn dhan mhargaidh seo, cha b' e an fhèill fhèin, ach a dhol dhan Silverford an dèidh làimh," thuirt e.
"Fiù 's 20 bliadhna air ais, cha bhiodh e buileach annasach a dhol a-steach ann 's leithid Donnie Wilson na Leargaidh, 's a charaid Walter, 's Dòmhnall Craggan 's Aonghas MacGumaraid à Bail' Ùr an t-Slèibh, Dòmhnall MacCoinnich 's feadhainn a bharrachd a chluinntinn 's iad a' seinn sa Ghàidhlig."
Bhiodh crodh gan dròbhadh air chois o fhada is farsainn chun na margaidh sna seann làithean
Chaidh a' mhargaidh a ghluasad chun na làraich nuair a chaidh an loidhne-rèile a stèidheachadh, agus bhiodh croitearan a' dròbhadh an cuid bheathaichean chun na margaidh, 's iad an uair sin gan toirt leis an trèana gu taigh-spadaidh faisg air làimh.
"Bha Ceann a' Ghiuthsaich air na prìomh rathaidean dròbhaidh," thuirt Ruairidh Ormiston.
"Bhiodh daoine a' tighinn ann taobh Sloc Muice, thar Mòinteach Dhamh-Àth.

Tha an làrach air a dhol bhuaithe gu mòr bho chaidh a chleachdadh mu dheireadh ann an 2021
"Thig an t-slighe a-steach a Cheann a' Ghiuthsaich a-nall on Tulnain, 's bhiodh daoine à Srath Narann, Srath Glais 's a leithid a' tighinn tarsainn na Tulnain.
"Cha bhiodh e neo-àbhaisteach crodh a bhith a' coiseachd 12 mìle san là 's mar sin, fiù 's an fheadhainn a thigeadh ann on Lagan 's Dail Chuinnidh, dh'fhaodadh gun toireadh iadsan dà là a' tighinn a-steach dhan mhargaidh."
Tha na làithean sin a-niste seachad ge-tà, agus stannd na margaidh a' dol bhuaithe gu mòr.

Tha an Comh Russell Jones airson beachdan mhuinntir an àite a chluinntinn airson feum ùr a dhèanamh den làraich
Tha a' choimhearsnachd airson feum eadar-dhealaichte a dhèanamh den làraich.
"Tha sinn a' dol a dhèanamh ar dìcheall toirt air uiread dhaoine 's a ghabhas ann an Ceann a' Ghiuthsaich suirbhidhean a lìonadh 's na beachdan aca fhaighinn," thuirt an Comh Russell Jones.
"An e taigheadas, taigheadas sòisealta, làraichean-taighe, no 's dòcha feum air choireigin eile a mhiannaicheadh iad?
"Ge b' e dè nì sinn leis ge-tà, bu chòir gun tig teachd-a-steach às, dàrna cuid cnap-airgid le bhith a' reic, no teachd-a-steach leantainneach le màl, 's dheadh an t-airgead sin a chleachdadh a chum buannachd mhuinntir Cheann a' Ghiuthsaich."

Bha uair a bhiodh croitearan is tuathanaich o fhada mun cuairt a' toirt na sprèidhe aca a Cheann a' Ghiuthsaich