Sgeama ga mholadh a chumadh smachd air àitichean-fuirich air màl ghoirid

- Air fhoillseachadh
Thathar a' moladh sgeama a chuingealachadh na tha de dh'àitichean-fuirich air a' Ghàidhealtachd a tha gan leigeil a-mach 'son ùine ghoirid tro an leithid Airbnb gus dèiligeadh ri dìth taigheadais.
Thuirt comhairlichean a tha ga mholadh gun deach 7,011 ceadan airson àite-fuirich air mhàl ghoirid a thoirt seachad air feadh na sgìre, ach nach do dhiùltadh ach ceithir.
Chan eil casg air àitichean-fuirich saor-làithean ann an sgìrean smachachaidh ach feumaidh an fheadhainn leis a bheil iad cead-dealbhachaidh cho math ri cead airson àite de an leithid a thabhainn.
Thuirt comhairlichean gum faodadh cumhachdan gus smachd a chumail air àitichean-fuirich dhen t-seòrsa seo a bhith air an cleachdadh far an iarradh a' choimhearsnachd sin.
'S iad comhairlichean Inbhir Nis, Mìcheal Gregson agus Donnchadh Mac a' Phearsain, a tha air cùlaibh a' mholaidh.
- Air fhoillseachadh14 An Lùnastal 2023
- Air fhoillseachadh9 An Giblean 2024
- Air fhoillseachadh9 An Cèitean 2024
Ann an aithisg a bhios air beulaibh na làn-chomhairle an ath-sheachdain, tha iad ag ràdh gum bi feum air 24,000 dachaigh ùr sa sgìre san ath dheich bliadhna.
Thuirt iad cuideachd gum bu chòir dhan chomhairle faighneachd dhan riaghaltas an toiseach sùil às ùr a thoirt air an reachdas aca a thaobh àitichean-fuirich air màl ghoirid, agus an uair sin feuchainn ri cead fhaighinn airson sgìre-smachdachaidh.
Mura gabh sin dèanamh, tha iad a' moladh cead a shireadh airson sgìre smachdachaidh air a' Ghàidhealtachd air fad a stèidheachadh.
Ghabh oifigich Comhairle na Gàidhealtachd gum biodh rannsachadh a dhìth gus a' Ghàidhealtachd air fad a chomharrachadh mar sgìre smachdachaidh, agus gum faodadh e cosgaisean agus saothar a bharrachd adhbharachadh dhaibh.
Tha iad a' toirt rabhadh cuideachd gum faodadh gum biodh e dùbhlanach inbhe mar seo a bhith ann air feadh na Gàidhealtachd.
B' fheudar do Chomhairle Baile Dhùn Èideann an sgeama ceadachaidh aca-san atharrachadh an dèidh breith cùirte.
Thàinig lagh a-steach air feadh na h-Alba ann an 2022 fon fheumadh daoine le àitichean-fuirich do luchd-turais cead a bhith aca.
'S e a' chiad sgìre smachdachaidh an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd ann an Bàideanach agus Srath Spè.