Rannsachadh poblach a' tòiseachadh mu leasachadh Beinn Acadail

Tuath-gaoithe Bheinn Acadail Tùs an deilbh, GEOGRAPH/RICHARD DORRELL
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh na crainn ùra a thathar a togail air an làraich a dhà uimhir nas àirde na an fheadhainn a th' ann mar-thà

  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh rannsachadh poblach san Eilean Sgitheanach Diluain air planaichean airson cruinn nas motha aig tuathanas-gaoithe Beinn Acadail.

Tha an rannsachadh ga dhèanamh le Riaghaltas na h-Alba, an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd cur an aghaidh phlanaichean airson cruinn ùra a tha nas motha a chur an àite an fheadhainn a th' ann an-dràsta.

Tha a' chompanaidh Renantis airson naoi crainn 200m a stèidheachadh air làrach far a bheil 12 crainn an-dràsta is iad sin mu 100m a dh'àirde.

Bha comhairlichean Gàidhealach le dragh mun bhuaidh air seallaidhean tìre an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich.

Cumar sreath sheiseanan eadar Diluain agus Dihaoine far am bi fiosrachadh agus fianais air an toirt seachad le daoine a' bruidhinn às leth na companaidh leasachaidh agus le riochdairean Comhairle na Gàidhealtachd.

Cluinnear cuideachd bho Chomhairle Coimhearsnachd an Aodainn Bhàin agus bho luchd-iomairt san Eilean Sgitheanach a tha a' cur an aghaidh nan diofar phlanaichean airson tuathanasan-gaoithe ùra san Eilean.

Tha Buidheann Fiosrachaidh Tuathanas-Gaoithe an Eilein Sgitheanaich air neach-lagha fhastadh a bhios a' bruidhinn aig an rannsachadh phoblach.

Tha na companaidhean a tha a' sireadh cead airson nan tuathanasan-gaoithe a' gealltainn gum faigh luchd-còmhnaidh a bhios faisg orra buannachd asta tro mhaoinean coimhearsnachd.

Bidh na seiseanan gan cumail san togalach aig Pàirc nan Laoch ann am Port Rìgh ach bidh iad air an sealltainn cuideachd air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba. , taobh a-muigh