Beachdan gan sireadh air cìs turasachd an Earra-Ghàidheal is Bòd

Solais a' deàlradh air iomall Bàgh an ÒbainTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid beachd an t-sluaigh a shireadh air moladh a bhith a' stèidheachadh cìs turasachd san sgìre.

Aig coinneimh Dihaoine, dh'aontaich iad co-chomhairle phoblach a chur air bhonn a mhaireas trì mìosan, eadar meadhan an Fhaoillich agus an Giblean an ath-bhliadhna., taobh a-muigh

Sheall aithisg a chaidh air beulaibh bhall gum bi còrr air a 30 uimhir de luchd-tadhail a' dèanamh air Earra-Ghàidheal is Bòd gach bliadhna 's a tha de dhaoine a' còmhnaidh san sgìre, 's gu bheil a bhuil aige sin air seirbheisean ionadail eadar rathaidean agus seirbheisean sgudail, am measg eile.

Tha cuid de na seirbheisean seo nach eil nan dleastanas laghail don Chomhairle a thoirt seachad, agus tha mar a tha gearraidhean gan cur an sàs ann am buidseatan dualtach na seirbheisean sin a lùghdachadh.

Fo reachdas a chaidh troimhe ann am Pàrlamaid na h-Alba na bu thràithe am-bliadhna, tha cead aig ùghdarrasan ionadail cìs a stèidheachadh a chuireas cosgais a bharrachd air luchd-turais airson gach oidhche ann an àiteachan-aoigheachd.

Thathas ag amas le bhith a' dèanamh seo, air airgead a thogail airson seirbheisean a chumail a' dol 's a leasachadh gach cuid do luchd-turais agus muinntir an àite, agus airson an sgìre a chumail tarraingeach do luchd-turais.

Tha còrr air 21,000 leabaidh ri fhaighinn do luchd-tadhail ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, agus mar sin tha an gnìomhachas gu math cudromach do dh'eaconomaidh na sgìre.

Tha dùil gun togadh cìs stèidhichte aig 5% air na chosgas luchd-turais air àiteachan aoigheachd mu £9m sa bhliadhna ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Uallach mòr

Tha a' Chomhairle am beachd faighneachd den t-sluagh dè na seirbheisean air an iarradh iad gun deadh an t-airgead sin a chosg, dè an ceudad (%) a bu chòir a bhith sa chìs, agus dè an taic a dh'iarradh gnothachasan turasachd ann a bhith ga làimhseachadh.

Tha cuid ann an gnìomhachas na turasachd air dragh mòr a thogail mun mholadh, agus iad ag ràdh gu bheil e dualtach daoine a chur dheth.

"Tha eaconomaidh na turasachd riatanach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, agus tha sinn airson a chumail mar sin," thuirt Ceannard na Comhairle, Jim Lynch.

"Feumaidh sinn gabhail ris gu bheil seirbheisean a chleachdas luchd-tadhail 's a bhios luchd-còmhnaidh na sgìre a' cleachdadh cuideachd fo uallach mhòr le mar a tha buidseatan a' crìonadh.

"'S e cothrom a th' ann an reachdas nàiseanta na cìse turasachd ionmhas fhaighinn gu sònraichte airson eaconomaidh na turasachd, a chùm buannachd luchd-tadhail, luchd-còmhnaidh, agus farpaiseachd na sgìre," thuirt e.