Misneachd mu fhoghlam Gàidhlig an Siorrachd Rinn Friù an Ear

Sgoilearan
  • Air fhoillseachadh

Tha misneachd ann mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an Siorrachd Rinn Friù an Ear is àrdachadh mòr air tighinn san àireimh de sgoilearan ann an aonad Gàidhlig na sgìre.

Dh'fhosgail an t-aonad ann am Bun-Sgoil Thornliebank an-uiridh.

Thug sin gu ceann iomairt a thòisich bho chionn grunn bhliadhnaichean.

Cha robh ann ach dithis sgoilearan sa chiad bhliadhna, ach tha a-nise 11 eadar clas a h-aon is a dhà.

"Tha sinn air leth toilichte leis na h-àireamhan a bh' againn am-bliadhna", thuirt prìomh thidsear na Gàidhlig san sgoil, Adam McColgan Mac a' Ghobhainn.

"Tha sinn a' dèanamh tòrr obair san sgoil agus san sgìre airson togail aire gu bheil Gàidhlig an seo is gu bheil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an seo is tha sin a' dèanamh diofair.

"Tha sinn air oidhche fiosrachaidh a dhèanamh airson daoine san sgìre agus measgachadh de dhaoine an sin a bhios 's dòcha airson tighinn anns an àm ri teachd, is tha sinn an dùil gum bi e a' fàs thairis air ùine."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Fàs ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear

Tha ceannard Bun-Sgoil Thornliebank ag ràdh gu bheil an sgoil san fharsaingeachd glè thoilichte gu bheil aonad Gàidhlig ann.

Tha ise cuideachd misneachail mun àm ri teachd.

"Tha fios agam gu bheil pàrantan is luchd-cùraim air rudan math a chluintinn mun aonad is tha sin air sgaoileadh," thuirt Jenny Miller

"Rinn Mgr McColgan Mac a' Ghobhainn is Ms Chaimbeul obair mhòr cuideachd ann a bhith a' sgaoileadh fiosrachaidh mu dheidhinn FtMG.

"Tha sinn air ar dòigh gu bheil Gàidhlig an seo. Tha an sgoil againn glè làidir a thaobh cultair is tha an t-aonad air cur ri sin gu mòr.

"Bha consairt Nollaige againn an-dè is na sgoilearan Gàidhlig gu mòr an sàs, is tha sin a' cur ri foghlam nan sgoilearan uile," thuirt i.

Thuirt Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear gun tug iad àite do sgoilearan bho thaobh a-muigh na sgìre san aonad, ged a tha prìomhachas ann do theaghlaichean a tha a' fuireach ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear.