Dùil ri co-dhùnadh air làrach sgoile ùire Mhuile sa Ghearran

Àrd-sgoil Thobar Mhoire
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Àrd-sgoil Thobar Mhoire feumach air ùrachadh, ach tha ceist ann càite

  • Air fhoillseachadh

Coinnichidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid anns a' Ghearran airson co-dhùnadh a dhèanamh càite ann am Muile a thèid campas sgoile ùire a thogail dhan eilean.

Tha ceist ann, agus diofar dhaoine ann an diofar phàirtean den eilean ga h-iarraidh ann an diofar àiteachan.

Mar a tha gnothaichean an-dràsta, feumaidh clann às an Ros Mhuileach, ann an iar-dheas Mhuile, falbh dhan Òban airson a dhol dhan àrd-sgoil, agus iad a' fuireach san ostal tron t-seachdain, leis gu bheil Àrd-Sgoil Mhuile ro fhada air falbh bhuapa ann an Tobar Mhoire.

Dh'iarradh pàrantan san sgìre sin gum faigheadh a' chlann aca air a dhol gu àrd-sgoil ann am Muile fhèin, ach dh'fheumadh e a bhith nas fhaisge orra na Tobar Mhoire.

Dh'iarradh pàrantan ann an Eilean Ì, a tha na laighe far chinn an iar an Rois Mhuilich, gun deadh a' chlann acasan dhan Òban fhathast ge-tà.

Fo na tha a' Chomhairle a' moladh, agus a rèir a' mhodail ghnothachais a th' aca air a shon, dh'fheumadh gach cuid an àrd-sgoil ùr agus a' bhun-sgoil ùr a bhith air an togail air an aon làraich.

Nam biodh an làrach sin na b' fhaisge air an Ros Mhuileach - can anns an t-Sàilean - chuireadh sin dragh air muinntir Thobar Mhoire, a chailleadh a' bhun-sgoil acasan.

Thuirt a' Chomhairle gum biodh tuilleadh airgid a dhìth orra airson dà làrach a chleachdadh, ach am faigheadh Tobar Mhoire air a' bhun-sgoil aca a ghlèidheadh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh e comasach dà làrach a chleachdadh airson a' champais ùir, ach gum feumadh a' Chomhairle fhèin cosgaisean a bharrachd sam bith a ghiùlain.

Tha dùil gun cosg am pròiseact aig an ìre seo £43m, agus e air a' phròiseact shingilte as cosgaile a tha fa-near dhan ùghdarras ionadail.

Nì iad co-dhùnadh deireannach air an làrach a b' fheàrr leothasan aig a' choinneimh sa Ghearran.