Grunn atharrachaidhean am Bile nan Cànanan is taic 'son inbhe SMO àrdachadh
- Air fhoillseachadh
Chuir buill de Chomataidh Foghlaim Pàrlamaid na h-Alba taic ri grunn atharrachaidhean ann am Bile nan Cànanan Albannach, nam measg planaichean gus inbhe Shabhal Mòr Ostaig àrdachadh.
Chuala a' chomataidh gu bheil a' cholaiste Ghàidhlig fìor chudromach a thaobh amasan a' bhile a choileanadh.
Bha taic ann cuideachd do dh'atharrachadh a dhèanadh e nas fhasa sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh.
Ged a bha Bile nan Cànanan Albannach air taic fhaighinn bho bhuill Holyrood aig a' chiad ìre san t-Sultain, thog grunn bhall draghan aig an àm nach robh e idir a' dol fada gu leòr, is thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear fhèin gun robh Riaghaltas na h-Alba airson "obrachadh thar-phàrtaidh gus am bile seo a neartachadh".
Mar thoradh air sin, chaidh 97 atharrachaidhean air beulaibh Comataidh an Fhoghlaim madainn Diciadain ann an deasbad a mhair trì uairean a thìde.
Bha am BPA Uaineach Ross Greer air mìneachadh iarraidh air dè bhiodh inbhe oifigeil dhan Ghàidhlig is Albais mar chànanan na h-Alba a' ciallachadh, is gur e "le urram co-ionnan ris a' Bheurla" a bu chòir a bhith ann.
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis gu bheil i "gu tur a' cur taic ris a' phrionnsabal gu bheil urram co-ionnan ris a' Bheurla ann" is gu bheil seo mar-thà a' nochdadh ann am puingean sònraichte tron bhile.
Thuirt i gum faodadh duilgheadasan laghail is buidseit a bhith ann ge-tà, nam biodh seo aig toiseach a' bhile mar a mhol Ross Ghreer, is chaidh an t-atharrachadh sin a tharraing, ged a chaidh gluasad eile bhuaithe a thaobh inbhe troimhe.
Sgìrean sònraichte
Chaidh gabhail ri atharrachadh bho Cheit Fhoirbeis fhèin gum biodh cumhachd aig Bòrd na Gàidhlig moladh do dh'ùghdarrasan ionadail beachdachadh air sgìre shònraichte chànain a chur air dòigh, às dèidh iarrtas fhaighinn bhon choimhearsnachd.
Thuirt i gu bheil seo airson barrachd cumhachd a thoirt dhan choimhearsnachd am pròiseas a thòiseachadh is Bòrd na Gàidhlig a bhith ag obair nas dlùithe ris a' choimhearsnachd air seo.
Bha am BPA Làbarach Pam Duncan-Glancy air atharrachadh a chur air adhart a bha a' togail air guth a thoirt do chomhairlean coimhearsnachd sa phròiseas.
Fhreagair a' Bh.Ph. Fhoirbeis gun robh i taiceil ri seo ach nach robh i 'son is gum biodh gnothaichean air an cuingleachadh do chomhairlean coimhearsnachd a-mhàin, is i ag ràdh gu bheil sgìrean ann le buidhnean coimhearsnachd a tha nas làidire na comhairlean coimhearsnachd.
Gheall i obrachadh còmhla ri Pam Duncan-Glancy gus an gluasad a shoillearachadh is "a neartachadh gu mòr".
Ghabh Pam Duncan-Glancy ri sin.
"Dh'fhaodadh tu a bhith a' feitheamh 'son cunntas-sluaigh eile is bidh a' Ghàidhlig air bàsachadh"
Bha am BPA Làbarach Mìchael Marra am measg na bha air draghan a thogail mun bhile aig Ìre 1 is thuirt e às ùr gu bheil a' Ghàidhlig ann an "suidheachadh truagh" is gu bheil am bile mar a tha e "na chothrom caillte airson an atharrachaidh bhunaitich air a bheil feum a thoirt gu bhuil".
Mar dhòigh air a neartachadh bha e air atharrachadh a chur air adhart a thaobh targaidean sònraichte a stèidheachadh a thaobh adhartas an riaghaltais a thaobh na Gàidhlig, a' toirt a-steach àireamh luchd-labhairt a' chànain air a briseadh sìos ann an diofar sgìrean, is an àireamh de thagraichean 'son teisteanasan Gàidhlig.
Thuirt e nach eil figearan bhon chunntas-sluaigh a h-uile deich bliadhna math gu leòr is gu bheil feum air tuigse suidheachadh na Gàidhlig nas trice na sin.
"Dh'fhaodadh tu a bhith a' feitheamh 'son cunntas-sluaigh eile is bidh a' Ghàidhlig air bàsachadh", thuirt Mìchael Marra.
Dh'aontaich Ceit Fhoirbeis gu bheil targaidean glè chudromach, gum feum iad a bhith "àrd-amasach", gum bu chòir dòigh a bhith aig pàrlamaid sgrùdadh a dhèanamh air an riaghaltas, is gu bheil feum air dàta nas trice.
Ach ged a thuirt i gu bheil i mar sin a' cur taic ris a' phrionnsabal a chuir Mgr Mara air adhart, thuirt i gum biodh cunnart ann gum biodh na targaidean seo a' cuingealachadh poileasaidh Gàidhlig.
A thuilleadh air beachd gum biodh e "dùbhlanach dha-rìribh" figearan mionaideach fhaighinn gach dà bhliadhna, thog i cuideachd ceistean mu na slatan-tomhais a bha Mgr Marra a' moladh is i a' cumail a-mach nach eil iad "domhainn gu leòr", is a' toirt feart air suidheachaidhean diofraichte ann an diofar sgìrean is diofar ìrean de sgilean sa chànan.
'S e "dòigh nas sùbailte" a tha a dhìth thuirt i, is gum b' fheàrr leis an riaghaltas targaidean a bhith mar phàirt den Ro-Innleachd Nàiseanta a bhios ann.
Thuirt Mìchael Marra gur e "deasbad gu math feumail" a bha seo is ghabh e ris gun robh cunnart ann gum biodh targaidean ceàrr a' fàgail nach biodh poileasaidh an uairsin ag amas air na rudan as cudromaiche.
Bha e gu làidir den bheachd ge-tà, gu bheil "cabhag" ann gus dèiligeadh ri suidheachadh na Gàidhlig is gum feum miann soilleir a bhith sa bhile gum feum an cànan a bhith air a ghlèidheadh.
Fhreagair Ceit Fhoirbeis gu bheil i toilichte obrachadh le Mgr Marra air "gealltanas air targaidean a chur dhan bhile".
Mhìnich i cuideachd gu bheil i 'son is gun tèid dèiligeadh ri targaidean aig ìre ionadail tro na sgìrean cànain.
Chuir Mgr Marra fàilte air seo is e ag ràdh gu bheil fadachd air a dhol an sàs ann an tuilleadh chòmhraidhean.
"Dragh mòr"
Thill a' chomataidh dhan chuspair le atharrachadh eile bho Mhìchael Marra gum feumadh Riaghaltas na h-Alba aithisg fhoillsachadh a h-uile dà bhliadhna air an àireimh de luchd-labhairt na Gàidhlig.
Thuirt Mgr Marra gu bheil feum mòr air seo gus am bi cothrom aig pàrlamaid measadh a dhèanamh a bheil poileasaidhean Gàidhlig ag obair is gum bi Riaghaltas na h-Alba cunntachail.
Thuirt e cuideachd gu bheil "dragh mòr air Làbaraich na h-Alba mun bhile is gun deach a stèidheachadh mar bheachd bho thùs mar bhile foghlaim, is gur dòcha gur e cothrom caillte a bhios ann an cànan ath-bheòthachadh anns na sgìrean traidiseanta".
Dh'iarr e gealltanas bhon riaghaltas gu bheil na planaichean aca 'son na Gàidhlig a' dol nas fhaide na am bile, is gun gluais iad cho tràth 's a ghabhas air ceistean mu leasachadh eaconamach is sòisealta ann an sgìrean far a bheil a' Ghàidhlig ga bruidhinn.
An aon ràmh
Dh'aidich Ceit Fhoirbeis gun robh duilgheasas ann fad iomadh bliadhna le dàta fhaighinn mun Ghàidhlig is gum feum leasachadh a thoirt air mar thathar a' cruinneachadh dàta.
Thog i dragh ge-tà, gum biodh rannsachadh mionaideach a h-uile dàrna bliadhna a' cleachdadh ghoireasan a dh'fhaodadh a chur gu feum gus suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh.
Cha robh Mìchael Mara ag aontachadh gun robh an gluasad aige a' ciallachadh cunntas-sluaigh a h-uile dà bhliadhna is e ag ràdh gu bheil dòighean is roghainnean eile ann gus dàta a chruinneachadh.
Air a' cheann thall, thuirt Ceit Fhoirbeis gum bu chòir dhan riaghaltas fiosrachadh a chumail ris a' phàrlamaid gu cunbhalach mun t-suidheachadh aig ìre ionadail anns a' choimhearsnachd tro na sgìrean cànain a bhios ann.
Thuirt i cuideachd gu bheil i fhìn airson is gun dèan a' phàrlamaid barrachd sgrùdaidh air Riaghaltas na h-Alba a thaobh na Gàidhlig na bha iad gu ruige seo.
Ghabh Mgr Mara ris gun robh buill air an aon ràmh a thaobh feum air barrachd fiosrachaidh is gealltanas air tuilleadh chòmhraidhean ro Ìre 3 is chaidh an gluasad aige a tharraing.
Sgoiltean Gàidhlig
Chaidh gabhail ri atharrachadh eile bho Cheit Fhoirbeis fhèin a bhiodh a' toirt cumhachd do Riaghaltas na h-Alba innse do dh'ùghdarrasan foghlaim sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh, ma 's e is gun robh iad air measadh a dhèanamh gu bheil iarrtas is comas ann ach nach deach sgoil a chur air dòigh.
Bhiodh seo cuideachd a' ciallachadh gum feumadh ùghdarras foghlaim beachdachadh air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san sgìre aca taobh a-staigh naoi mìosan às dèidh dhaibh iarrtas fhaighinn bho phàrant, Comann nam Pàrant (Nàiseanta), is Bòrd na Gàidhlig.
Bha Ross Greer air atharrachadh a chur air adhart a bheireadh air Foghlam Alba beachdachadh am bu chòir dhaibh stuth a tha iad a' dèanamh do sgoiltean ann am Beurla a chur sa Ghàidhlig cuideachd.
Dh'iarr Pam Duncan-Glancy gun deadh sin a dhèanamh le stuth an SQA cuideachd dha sgoilearan na Gàidhlig.
Thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheil i taiceil ris a' bheachd mun SQA is gheall i barrachd chòmhraidhean gus seo a theannachadh ro Ìre 3.
A thaobh Foghlam Alba, thuirt i gur ann air Riaghaltas na h-Alba fhèin a bhiodh dleasdanas seo a dhèanamh is gu bheil i deònach coimhead air mar a ghabhadh seo a sgrìobhadh aig Ìre 3.
Sabhal Mòr Ostaig
Bha taic làidir aig a' chomataidh gus inbhe Shabhal Mòr Ostaig àrdachadh is comas a thoirt dhan cholaiste ceuman a thoirt seachad.
Thuirt Ceit Fhoirbeis nach gabh amasan a' bhile a choileanadh às aonais SMO.
Bha Ross Greer air ath-sgrùdadh iarraidh taobh a-staigh bliadhna den achd tighinn a-steach leis an amas an inbhe seo a thoirt do SMO. Chaidh am BPA Lib Deamach Willie Rennie nas fhaide is e ag ràdh nach robh feum air àth-sgrùdadh.
Thuirt Mgr Rennie gu bheil Sabhal Mòr Ostaig mar-thà air innse dha gu bheil iad deiseil na cumhachdan seo a ghabhail os làimh, is thuirt Dùghlas Ros bho na Tòraidhean gun do rinn SMO "argamaid gu math làidir" ann an coinneamh a bh' aigesan leotha.
Thuirt Ceit Fhoirbheis gun robh e follaiseach gu bheil "taic thar-phàrtaidh" ann a thaobh cho cudromach 's a tha Sabhal Mòr Ostaig is gum bu chòir dhan ghnothach gluasad gu luath.
Dh'innis i gun robh Riaghaltas na h-Alba 'son taic a chur ri atharrachadh Ross Greer oir bhiodh ath-sgrùdadh cudromach, ged nach bhòtadh i an aghaidh plana Mhgr Rennie, is gur e "dà shlighe a th' ann dhan aon cheann-uidhe".
A' toirt an deasbaid gu ceann, thuirt a' Bh. Ph. Fhoirbeis gu bheil e follaiseach gu bheil "tòrr obrach romhainn aig Ìre 3, ach gu bheil an deasbad air na prìomhachasan a shoillearachadh".
Thuirt i gun robh i ag iarraidh bho thùs gur e bile a bhios ann a thig bhon phàrlamaid gu lèir seach an riaghaltas a bhith ga chur troimhe, is gun robh i 'son gabhail ris na b'urrainn dhi de dh'atharrachaidhean gus am bi beachd na pàrlamaid ga riochdachadh anns a' bhile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Samhain 2023
- Air fhoillseachadh6 An t-Samhain 2023
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean