Mèinn òir an Earra-Ghàidheal ga h-ath-bheòthachadh

- Air fhoillseachadh
Tha an aon mhèinn òir a tha ann an Alba ga h-ath-bheòthachadh às dèidh do chompanaidh a tha stèidhichte ann an Afraga a Deas ionmhas a chur ris a' bhuidhinn leis a bheil na goireasan.
Stad an obair aig a' mhèinn faisg air Taigh an Droma, a tha taobh a-staigh chrìochan Phàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean, ann an 2023 nuair a chaidh a' chompanaidh Scotgold Resources a bha ga ruith ann an rianachd.
Dh'fhosgail Scotgold ionad giollachd òir faisg air Taigh an Droma ann an 2016.
Thòisich cladhach coimearsalta airson òir aig an làraich ann an 2019.
Chaidh Scotgold ann an rianachd san t-Samhain 2023 is a' mhèinn air a bhith na tàmh fad grunn sheachdainean.
Dh'fhoillsich a' chompanaidh Acrux Sorting Technology (AST) gu bheil iadsan a-nise air mòr-chuid a cheannach ann an SGZ Cononish Earranta, leis a bheil a' mhèinn òir.
Thuirt AST gu bheil seo na dhearbhadh gu bheil misneachd aca anns a' ghnìomhachas agus gum bi iad ag amas air an roinn seo neartachadh tro obair "chùramach agus sheasmhach".
Tha a' chompanaidh cuideachd ag ràdh gun tèid ionmhas a chur an sàs airson a' mhèinn aig Cononis a chur gu dol a-rithist agus gun tèid obraichean a chruthachadh anns an sgìre.
Thug iad taing cuideachd do dh'Oighreachd a' Chrùin agus dhan Phàirc Nàiseanta airson na comhairle a thug iad seachad agus iad ag ràdh gum biodh an stiùireadh sin riatanach airson amasan àrainneachdail agus amasan na coimhearsnachd a choileanadh.