Fiaclaireachd a' Chaoil: "Tha an rud gun chiall"

- Air fhoillseachadh
Tha fearg a' leantainn sa Chaol is an t-ionad fiaclaireachd mu dheireadh sa bhaile gus dùnadh an ceann beagan sheachdainean mura tèid fiaclair fhastadh ron sin.
Dhùin an t-ionad eile anns an robh seirbheis NHS an-uiridh, agus cuid de dh’ euslaintich air clàradh aig ionad Phort Rìgh.
Tha dragh mòr san sgìre nach bi roghainn aca ach siubhal gu fiaclairean prìobhaideach ann an àitichean leithid Inbhir Nis neo Inbhir Pheofharain.
"Tha trì ionadan aig NHS na Gàidhealtachd anns a’ Chaol, trì ionadan a tha a-nis gu bhith an ìre mhath dùinte, làn uidheamachd a tha gu math daor, nach eil gu bhith air a cur gu feum," thuirt Cathraiche Urras Coimhearsnachd a' Chaoil agus Loch Aillse, Magaidh Choineagan.
"Tha an rud gun chiall agus tha daoine an seo air an sàrachadh."

Tha a’ chompanaidh Real Good Dental Company, leis a bheil am fiaclair ‘The Old Sick Bay’, ag ràdh nach eil iad a' dèanamh gu leòr prothaid airson fuireach fosgailte anns a’ Chaol.
Chan eil cothrom aig daoine san sgìre gluasad gu bhith clàraichte le fiaclair eile tro NHS na Gàidhealtachd, agus àireamhan ro àrd an-dràsta.
Tha an suidheachadh a' dèanamh dragh do Chiombarlaidh Rosbrog, a tha a' fuireach san sgìre.
"Tha sinn a’ faicinn nach eil daoine ionadail a’ faighinn choinneamhan sam bith agus feumaidh iad a bhith a’ dràibheadh airson ‘s dòcha ceithir uairean airson coinneimh, mar mi fhèin, bidh mise a’ cumail mo choinneamhan ann an Dùn Èideann.
"Tha e nas fhasa dhomhsa togail là dheth bhon obair agam, a bhith a’ siubhal agus a' pàigheadh an airgid airson an obair a dhèanamh," thuirt i.

"Tha e uabhasach trom air pàrantan, agus tha mi cinnteach gu bheil sin a’ toirt buaidh mhòir air daoine nach eil le goireas siubhail a dh’fheumas a dhol air bus neo trèana so ‘s e suidheachadh èiginneach a th’ ann," thuirt Magaidh Choineagan.
"Tha oidhirp a’ dol airson fiaclair ùr fhastadh tro NHS na Gàidhealtachd, ach an-dràsta tha muinntir na sgìre air am fàgail gun fhiaclair ach ann an suidheachadh èiginneach.
"Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sinne air fàs gu math an-fhoiseil nach eil na còmhraidhean a’ dol a ghnìomh," dh'innis i.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun tèid aig daoine a th' ann an èiginn ach nach eil air an clàradh le fiaclair cùram fhaighinn aig ionadan air feadh na sgìre.