Dust Ailig Salmond air tilleadh a dh'Alba

Ailig SalmondTùs an deilbh, PA MEDIA
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dust Ailig Salmond a thilleadh gu Alba Dihaoine.

Chaochail seann Phrìomh Mhinistear na h-Alba gu h-obann agus e aig co-labhairt ann am Macedonia a Tuath Disathairne a chaidh.

Chaidh ciste Ailig Salmond a chòmhdachadh le bratach na h-Alba mus deach a cur air itealan aig Port-adhair Ohrid.

Chaidh a dhearbhadh Diardaoin gur e an neach-gnìomhachais, Sir Tom Hunter, a phàigh airson a' phlèana a thug corp Mhgr Salmond a dh’Obar Dheathain.

Ràinig an t-itealan Obar Dheathain beagan ro 2:00f.

Bha cuid de theaghlach Mhgr Salmond, a bharrachd air ceannard eadar-amail Phartaidh Alba - Coinneach MacAsgaill - a' feitheamh airson a chiste aig Port-adhair Obar Dheathain.

Tha a' chiste a' tilleadh gu dachaigh Mhgr Salmond ann an Strichen.

Thèid tiodhlacadh prìobhaideach a chumail sna làithean a tha romhainn, le dùil ri tachartas cuimhneachaidh dhan phoball às dèidh sin.