Là VE: Boireannaich aig tuath a' cuimhneachadh

Peace at LastTùs an deilbh, Parklands Care Homes
  • Air fhoillseachadh

Tha boireannaich a tha a' fuireach ann an dachaighean-cùraim air a' Ghàidhealtachd a' nochdadh ann am podcast ùr is iad a' cuimhneachadh air àm an Dàrna Cogaidh.

Chaidh am podcast Peace at Last a chruthachadh is 80 bliadhna ga chomharrachadh an t-seachdain seo bho dheireadh a' chogaidh anns an Roinn Eòrpa - Là VE.

'S e a' chompanaidh Parklands a tha air cùl nam pròiseact is na boireannaich uile a' fuireach ann an dachaighean-cùraim leotha air a' Ghàidhealtachd is ann am Moireibh.

Am measg na tha a' nochdadh ann tha an Dr Jean Rothach, a tha a-nise 101 is a tha a' fuireach ann an Dachaigh na Loinne Mòire ann am Baile nan Granndach.

Bha an Dr Rothach na pàirt den sgioba aig Bletchley Park a bha ag obair gus còdan dìomhair arm na Gearmailt a thuigsinn.

Cha robh cead aice innse dha teaghlach is caraidean mun chùis gu na 1980an.

Tha eòlaichean den bheachd gur dòcha gun tug an obair seo an cogadh gu ceann pìos nas tràithe, a' sàbhaladh nam mìltean.

"Cha do smaoinich mi air mar sin ron seo, ach a' beachdachadh air a-nise tha mi cho toilichte mu dheidhinn," thuirt an Dr Rothach.

"Cha do chuidich cogadh duine no dad riamh"

Tha am podcast cuideachd a' cluinntinn bho Helena Rosol, a tha a-nise a' fuireach ann an Dachaigh-cùraim an Eilein Duibh, ach a bha na nighean bheag anns a' Phòlainn nuair a thòisich an cogadh.

Chaidh an teaghlach aice a ghluasad gu campa ann an Siberia agus chaidh a h-uile duine ach i fhèin a mharbhadh leis na Sovietaich.

Fhuair Helena taic bhon Chrois Dheirg is rinn i a dachaigh air a' cheann thall ann an Sasainn far an do phòs i is dithis nigheanan aice.

A' bruidhinn air a' phodcast tha i ag ràdh: "Cha do chuidich cogadh duine no dad riamh."

"Bha e sònraichte na boireannaich seo - cuid dhiubh còrr air 100 bliadhna a dh'aois - a choinneachadh," thuirt stiùiriche conaltraidh Parklands, Dòmhnall Moireasdan.

"Bha iad beò tron chogadh mar shìobhaltaich no a' cumail taic ris na feachdan againn.

"Tha sgeulachdan iongantach ann de sheirbheis is de chall is 's e urram mòr a bh' ann dhuinn an clàradh.

"Rinn an ginealach seo obair mhòr às ar leth," thuirt e.

Gheibhear am podcast an seo, taobh a-muigh.