Easbhaidhean san dòigh san do dhèilig NHS nan Eilean Siar ri euslainteach

- Air fhoillseachadh
Tha Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO) air gabhail gu ìre le gearan euslaintich an aghaidh NHS nan Eilean Siar mun "ìre de lannsaireachd agus cùram an dèidh làimhe" a fhuair iad airson dèiligeadh ri màm-sice a bh' orra.
Dh'fhàg an obair-lannsa toll ann an caolan an euslaintich, air a bheil 'C' ann an aithisg an SPSO, agus b' fheudar an toirt a dh'ospadal eile airson leigheis.
'S e gearan Euslaintich C nach robh obair-lannsa a dhìth air "a' mhàm-sice bheag" agus nach deach innse dhaibh "mu na cunnartan na lùib agus mu chùram an dèidh a dhol fo lannsa nach robh math gu leòr".
Cho-dhùin an Ombudsman gun robh còir aig a' chonaltradh mun lannsaireachd a bhith na bu shoilleire ach cha do ghabh iad ris a' ghearan nach robh an cùram an dèidh làimhe math gu leòr.
Thuirt NHS an Eilean Siar gu bheil iad "duilich mu mar a dh'fhiosraich an t-euslainteach" agus gu bheil iad a' cur an gnìomh mholaidhean an SPSO.

Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad a' cur an gnìomh mholaidhean an Ombudsman
Dh'innis an SPSO gun do ghabh iad comhairle neo-eisimeileach bho àrd-dhotair agus bho eòlaiche colorectal agus fhuair an aithisg aca gun robh e "reusanta" gun deach obair-lannsa a thabhann air an euslainteach, agus gur e àrd-lighiche a dhèanadh seo.
Aig a' cheart àm, fhuair aithisg an SPSO gun robh "còir tuilleadh measaidh a bhith ann mu an robh C ann an cunnart a bharrachd air sgàth an Clàr Cuideam Cuirp (CCC)", agus cho-dhùin iad gun do dh'fhaillich air NHS nan Eilean Siar "fiosrachadh a thoirt seachad aig àm a bha freagarrach, a dh'fhàg nach deach innse gu soilleir do C mu na cunnartan an cois na h-obrach-lannsa".
Cha do ghabh iad ri gearan eile a rinn Euslainteach C nach robh an cùram a fhuair iad an dèidh na h-obrach-lannsa math gu leòr.
"Duilich mu mar a chaidh dhan euslainteach seo"
Rinn an Ombudsam dà mholadh sa chùis seo.
'S e a' chiad fhear gum bu chòir luchd-obrach a bhith "eòlach air a' phròiseas aontachaidh a dh'fheumar, agus a bhith dèanamh cinnteach gu bheil còmhraidhean mu chead air an cumail aig àm freagarrach ron obair-lannsa agus air an clàradh".
Tha iad cuideachd ag iarraidh air bòrd NHS nan Eilean Siar "ath-sgrùdadh a chumail cho luath sa ghabhas feuch dè as coireach ris agus ionnsachadh às nuair a thachras cùis mhì-fhàbharach".
Thuirt neach-labhairt NHS nan Eilean Siar gun robh iad "duilich mu mar a chaidh dhan euslainteach seo".
"Tha sinn a' gabhail gu tur ri na dhà mholadh bhon SPSO. Tha sinn air fear aca a choileanadh agus bidh an dàrna fear air a choileanadh a dh'aithghearr," thuirt iad.