Buidheann taigheadais dhùthchail a' dùnadh

Taighean ann an sgìre dhùthchail
  • Air fhoillseachadh

Dùinidh buidheann charthannais a bha a' cumail taic ri coimhearsnachdan an sgìrean dùthchail ann a bhhith a' dèiligeadh ri trioblaidean taigheadais.

Thuirt Scottish Rural Housing gu bheil dìth maoineachaidh a' fàgail nach eil dol às aca ach stad a chur air an cuid obrach.

Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh o chionn 23 bliadhna.

Bhon uair sin tha iad air a bhith a' toirt taic do choimhearsnachdan air an tuath taighean fhaighinn air prìs reusanta agus ag iomairt airson atharrachaidhean poileasaidh gus dèiligeadh ri crìonadh sluaigh agus na tha de dhaoine gun dachaigh.

B’ àbhaist dhaibh a bhith a' faighinn maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba ach chaidh sin a tharraing, gam fàgail ann an staing ionmhais.

Thuirt Cathraiche Rural Housing Scotland, Wendy Reid, gu bheil dìth taigheadais fhathast ann agus gu bheil cruaidh-fheum air dachannan aig prìs reusanta ann an sgìrean dùthchail.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag aithneachadh na rinn a' bhuidheann ach gu bheil iad a' toirt £960,000 do dhà bhuidhinn eile airson phròiseactan taigheadais air an tuath, agus gu bheil iad ag amas air 11,000 taigh a thogail an sgìrean dùthchail na h-Alba.