Mhaoidh fear fo chasaid muirt an Slèite osteopath 'a mharbhadh'

Dachaigh anns an Dòrnaidh
Fo-thiotal an deilbh,

Thathas a' fàgail air Fionnlagh Dòmhnallach gun tug e ionnsaigh air John Don MacCoinnich 's a bhean Fay anns an Dòrnaidh san Lùnastal 2022

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis boireannach don Àrd-Chùirt gun robh an duine aice air maoidheadh gum marbhadh e osteopath a bha e ag ràdh a mhill a bheatha le bhith a' dèanamh a dhruim ghoirt nas miosa dìreach seachdainnean mus tug e, a rèir aithris, ionnsaigh air an duine le gunna-froise, ga dhroch ghoirteachadh fhèin 's a bhean.

Thathas a' fàgail air Fionnlagh Dòmhnallach gun do dh'fheuch e ri John Don MacCoinnich 's a bhean aige Fay a mhurt san Lùnastal 2022.

Tha an luchd-casaid cuideachd a' fàgail air gun do mhuirt Mgr Dòmhnallach, 41, a bhràthair cèile John MacFhionghain 's gun do dh'fheuch e ri a bhean a mhurt le bhith ga sàthadh grunn tursan le sgithinn san dachaigh aca san Eilean Sgitheanach.

Bha Rowena Dhòmhnallach a' toirt seachad fianais airson an dàrna la, 's i air innse don diùraidh roimhe gun robh an duine aice air a fàgail fliuch le fuil an dèidh dha ionnsaigh a thoirt oirre air beulaibh na cloinne aca 's e an amharas gun robh i a' falbh le fear eile.

Dh'innis i don chùirt gun robh Fionnlagh Dòmhnallach air fòrladh tinneis ri linn druim ghoirt a fhuair e as t-Earrach 2022, nuair a thadhail e air an osteopath John Don MacCoinnich.

Thuirt i gun robh an duine aice "diombach dha-rìribh" airson ùine an dèidh sin 's gun robh e ag iarraidh Mgr MacCoinnich a thoirt gu lagh 's e ag ràdh gun robh na rinn e air a dhruim a dhèanamh nas miosa.

Dh'innis i don chùirt "chanadh e tha mi a' dol ga mharbhadh, tha mi a' dol ga mharbhadh 'son mo bheatha a mhilleadh!"

Buaireadh fiosaigeach

Thuirt i gun robh e "caran rabhdail mar dhuine" agus aig a' cheart àm thuirt i gun robh i an dùil nach robh aige ach bruidhinn.

Chaidh faighneachd de Rowena Dhòmhnallach cuideachd mu bhuaireadh fiosaigeach eadar an duine aice agus John MacFhionghain ann an 2013 - naoi bliadhna mus deach fhàgail air gun do mhuirt e a bhràthair cèile.

Thuirt i gun robh i air a bhith ochd mìosan an dùil ri leanabh, 's gun robh i a' falach san t-seòmar ionnlaid ag èisteachd ris a' bhuaireadh.

Dh'innis i don chùirt gun robh an duine aice feargach 's anail air bhriseadh nuair a thill e dhan taigh "le lot air choireigin air aodann."

Dh'innis a' Bh-Ph. Dhòmhnallach do neach-lagha dìon an duine aice gun robh i air an eagal a ghabhail ro dhol-a-mach an duine aice an toiseach ann an 2016.

Ga freagairt, dh'fhaighnich Dòmhnall Findlay KC dhith, ma bha an t-eagal oirre air a son fhèin agus airson a cuid chloinne mun àm sin carson nach do ghabh i ceumannan airson rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn ro 2022.

Fhreagair i "bha an t-eagal orm na ceumannan sin a ghabhail... 'S e rud doirbh a th' ann."

Banntrach

Chuala a' chùirt fianais cuideachd Diardaoin bho bhanntrach Mhgr MhicFhionghain, Lyn-Anne, aois 45, mun là a fhuair an duine aice bàs.

Dh'innis i gun robh i a-muigh aig a' chàr agus gum faca i càr a bràthair, Fionnlagh Dòmhnallach, a' tighinn a-nuas an staran agus an uairsin Mgr Dòmhnallach a' coiseachd a-steach dhan taigh le gunna mòr, fada na làimh.

Thuirt i gun do dh'èigh i air "Dè tha thu a' smaoineachadh a tha thu a' dèanamh?".

Dh'innis i an uairsin gun cuala i gunna ga losgadh co-dhiù dà thuras agus fhuair i an duine aice air a lotadh.

Thuirt i gun tug i Mgr MacFhionghain na gàirdean agus gun do leig i sìos air an làr e.

Tha Fionnlagh Dòmhnallach a' dol às àicheadh nan casaidean uile a tha na aghaidh, agus tha e air tagradh dìon sònraichte a chur a-steach mu choinneimh na casaid muirt, ag ràdh nach robh e aige fhèin.

Tha a' chùis aig an Àrd-Chùirt an Dun Èideann a' leantainn.