Cuiridh Riaghaltas na h-Alba taic-airgid luach £500k ri fàs na Gàidhlig

Soidhnichean-rathaid Gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ainmean-àite na Gàidhlig am measg nam buidhnean a gheibh maoineachadh ùr

  • Air fhoillseachadh

Tha faclair air-loidhne a tha ag amas air mìneachadh a thoirt seachad air tùs agus brìgh a h-uile facal Gàidhlig as aithne dhuinn am measg nam pròiseactan a gheibh buananchd à airgead ùir bhon riaghaltas.

Gheibh Faclair na Gàidhlig, a thòisich bho chionn 20 bliadhna, £17,500 airson an cuideachadh ann a bhith a' ruighinn luchd-leughaidh ùr.

Dh'ainmich an Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire na h-Eaconomaidh agus na Gàidhlig, Ceit Fhoirbeis, gum bi £500,000 air an roinn eadar 12 diofar phròiseactan.

Thuirt i: "Tha a' Ghàidhlig na prìomh phàirt de chultar, dualchas agus eachdraidh na h-Alba.

"Bidh seo a' togail air na ceumannan a tha an lùib Bile nan Cànanan Albannach gus foghlam Gàidhlig a neartachadh, agus cuideachd air an tasgadh-airgid luach £35.7m a tha sinn a' cur ri iomairtean gus an cànan a bhrosnachadh ann an 2025-26."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Am measg nam buidhnean a gheibh buannachd às a' mhaoineachadh ùr seo tha Comunn na Gàidhlig a tha a' faighinn £134,190 airson an cuid obrach an cànan a thoirt air adhart.

Tha An Comunn Gàidhealach, ris a bheil Mòd Nàiseanta Rìoghail an urra, a' faighinn £74,000 airson nam mòdan ionadail aca.

Gheibh Fèisean nan Gàidheal £37,000 airson taic a chur ri ceòl Gàidhlig.

Tha Tobar an Dualchais gus £35,000 fhaighinn airson taic a chur ris an obair leantainnich aca a' cruinneachadh stuthan air-loidhne sa Ghàidhlig agus Albais.

Gheibh Ceòlas £30,000 a chuireas taic ri cur-seachadan cultarail Gàidhlig mar an sgoil-shamhraidh aca.

Tha foillseachadh na Gàidhlig a' faighinn taic-airgid le £30,000 a' dol gu Acair agus £49,000 gu Comhairle nan Leabhraichean.

Chaidh £20,000 a chomharrachadh airson Ainmean-Àite na h-Alba, a' bhuidheann-chomhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite sa Ghàidhlig.

Chaidh £17,500 a chomharrachadh airson Ionad Chaluim Chille Ìle airson clasaichean, taisbeanaidhean agus buidhnean tràth-bhliadhnaichean.

Thèid £10,000 a thoirt do Theatre gu Leòr airson dealbhan-cluiche a lìbhrigeadh air feadh Alba.

Peur stobachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 'peur stobach' ann am Faclair na Gàidhlig; nochd e ann an litir a sgrìobh cuideigin a rinn turas gu St Helena ann an 1900

'S ann aig Sabhal Mòr Ostaig a tha iomairt Faclair na Gàidhlig stèidhichte.

Thuirt an t-Àrd-dheasaiche, Ola Szczesnowicz, gur e am "faclair as mionaidiche a chaidh a chruthachadh don Ghàidhlig a rèir phrionnsabalan eachdraidheil, coltach ri Faclair Eachdraidheil Oxford sa Bheurla".

Rinn iad rannsachadh air pàipearan a' dol cho fada air ais ris an 12mh Linn.

Am measg nan abairtean is brìghean a lorg iad tha 'peur stobach' a chleachdadh airson a' chiad uair mar ainm Gàidhlig airson 'prickly pear fruit' ann an litir ag aithris air turas gu St Helena ann an 1900.

Faodar Faclair na Gàidhlig fhaicinn an seo, taobh a-muigh.