Mìos nan Gàidheal air tòiseachadh an Alba Nuadh

Fo-thiotal a’ bhidio,

Mìos nan Gàidheal air tòiseachadh an Alba Nuadh

  • Air fhoillseachadh

Tha Mìos nan Gàidheal air tòiseachadh ann an Alba Nuadh is luchd-iomairt ag ràdh gu bheil cuid de mhuinntir an àite a' fàs nas mothachaile air an dualchas aca ri linn.

Chaidh Mìos nan Gàidheal a stèidheachadh ann an Alba Nuadh bho thùs ann an 1996.

Bidh gu leòr a' dol tron Chèitean eadar cèilidhean, cearcallan còmhraidh, agus taisbeanaidhean film.

Tha a' bhuidheann Comhairle na Gàidhlig cuideachd am-bliadhna air trì soidhnichean mòra a stèidheachadh ri taobh rathaidean gus innse do dhaoine gur e Mìos nan Gàidheal a th' ann agus facal Gàidhlig no dhà ionnsachadh dhaibh.

Fhuair Ruairidh MacÌomhair facal air Cìaran MacSiùlai bho Chomhairle na Gàidhlig agus Lodaidh MacFhionghain bho Oifis Iomairtean na Gàidhlig.