Fear fo chasaid an co-cheangal ri bàs sa Ghearasdan

Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach a chur fo chasaid an co-cheangal ri bàs fhir eile sa Ghearasdan.

Chaidh na Poilis a ghairm gu tachartas aig dachaigh air Rathad Ghrange anns a' bhaile mu 9:55f oidhche Ardaoin agus fhuair iad fireannach, 25, marbh.

Tha dùil gun nochd an duine a chaidh a chur an grèim, a tha 19, ann an Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis Diluain.

Thuirt na Det. Insp. Calum Reid: "Tha na smuaintean againn le teaghlach agus caraidean an duine a bhàsaich aig an àm dhuilich seo, agus bheir na h-oifigearan againn taic dhaibhsan fhad 's a leanas an rannsachadh.

"Tha fhios agam gun cuir a' chùis seo dragh air a' choimhearsnachd ionadail, ach bu mhath leam a ràdh riutha gu bheil oifigearan a bharrachd air patròl san sgìre mar phàirt den rannsachadh leantainneach, agus nach eil cunnart ann don choimhearsnachd."