Balach air a leòn an dèidh tubaiste eadar neach-coise agus bus

Soidhne tubaiste nam Poileas
  • Air fhoillseachadh

Chaidh deugaire a bha air chois a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaiste san robh bus àn sàs ann an Loch Abar oidhche Ardaoin.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich ann am Mòrar aig a' cheann-rathaid eadar an A830 agus am B8008 mu 5:15f Diardaoin.

Chaidh balach, 17, a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Cha deach duine eile a ghoirteachadh.

Bha an rathad dùinte airson greis ach chaidh fhosgladh a-rithist goirid an dèidh 02:00m sa mhadainn.

Thuirt na Poilis gu bheil an sgrùdadh a' leantainn.