Fireannach an grèim an co-cheangal ri bàs sa Ghearasdan

Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach aois 19 a chur an grèim ann an co-cheangal ri bàs fireannaich eile sa Ghearasdan.

Chaidh oifigearan a ghairm gu Rathad Grange sa bhaile goirid ro 10:00f oidhche Ardaoin às dèidh bàs fireannaich aois 25.

Thuirt Poileas Alba gu bheil rannsachadh a' leantainn ach nach eil cunnart ann dhan choimhearsnachd.

Tha iad cuideachd air barrachd oifigearan a chur air na sràidean sa bhaile.