Plana Beinn Acadail air a dhiùltadh

- Air fhoillseachadh
Chuir comhairlichean na Gàidhealtachd gu h-aona-ghuthach an aghaidh phlanaichean gus tuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach a leudachadh.
Tha a' chompanaidh Renantis airson naoi crainn 200m a stèidheachadh air Beinn Acadail faisg air an Aodann Bhàn, an àite nan crann a th' ann.
Tha 12 crainn ann an-dràsta is iad mu 100m a dh'àirde.
Dh'innis a' chompanaidh gum bi buannachd ann dhan eaconamaidh agus dhan choimhearsnachd ma thèid an leasachadh air adhart.
Bha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd air moladh do chomhairlichean cur an aghaidh nam planaichean, taobh a-muigh is dragh ann mun bhuaidh air an àrainneachd is coltas na tìre.
Ghabh Comataidh Dealbhachaidh a Chinn a Tuath ri moladh nan oifigeach is chaidh na planaichean a dhiùltadh.
Thuirt feadhainn a bha ag iomairt an aghaidh nan planaichean gu bheil iad air am misneachadh is gun do dh'èist Comhairle na Gàidhealtachd riutha.
Thuirt an Dr Anndra Robinson bho Bhuidheann Fiosrachaidh Thuathan-Gaoithe an Eilein Sgitheanaich ge-tà, gu bheil "batal" romhpa fhathast.
Bidh rannsachadh poblach ann a-nise mus dèan Riaghaltas na h-Alba an co-dhùnadh mu dheireadh.