Taigheadas airson luchd-obrach anns na Hearadh

Cnoc na Grèine
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Cnoc na Grèine am measg nan àiteachan far a bheilear airson taighean a thògail

  • Air fhoillseachadh

Tha Adhartas na Hearadh (HDL) ag obair air pròiseact taigheadais airson àiteachan-fuirich a thogail do luchd-obrach a tha a' tighinn a dh'fhuireach nuair a gheibh iad obraichean san eilean.

Tha HDL an-dràsta a' coimhead air trì àiteachan timcheall air an Tairbeart far a bheil iad airson na taighean a thogail.

'S iad sin Iomairt an Òbain, Cnoc na Grèine, agus feadhainn cuideachd ann an Rathad Scott.

Ma tha gnìomhachasan anns na Hearadh a’ sireadh luchd-obrach agus mura h-eil àite-fuirich ann dhaibh, bidh cothrom aca fear de na togalaichean a ghabhail os làimh agus a thoirt dhan luchd-obrach, ged a bhios riaghailtean ann a thaobh na h-aireimh a bhios aca.

'S ann eadar na gnìomhachasan agus HDL a bhios an cùmhnant.

Tha HDL an dùil dhà no trì togalaichean mòidealach (modular) a thogail anns gach àite le timcheall air 14 seòmraichean-cadail annta.

Tùs an deilbh, HDL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha HDL an dùil taighean mòidealach mar seo a thogail airson luchd-obrach air an Tairbeart

'S ann còmhla ri Urras Ceann a Deas na Hearadh a tha HDL ag obair gus an talamh fhaighinn agus na taighean a thogail.

Dh'fhoillsich HDL suirbhidh an-uiridh às an tàinig 66 freagairtean bho ghnìomhachasan anns na Hearadh.

Thuirt na companaidhean gun robh iad feumach air timcheall air 200 luchd-obrach anns an ath chòig bliadhna.

"Tha fios againn gu bheil (na Hearadh) gann de luchd-obrach, tha gainnead taigheadais againn anns na Hearadh," thuirt Coinneach MacLeòid, cathraiche HDL.

"Tha sinn feumach air agus tha na Hearadh feumach air àiteachan-fuirich.

"Mura dèan sinn rudan mar seo, seargaidh an Tairbeart agus na Hearadh às," thuirt e.