Rannsachadh às dèidh mar a chaidh bàthach aig seann taigh Jimmy Savile na theine
![Bàthach aig seann taigh Jimmy Savile](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/692/cpsprodpb/dacb/live/8a7bd9d0-e6e0-11ef-9c03-b5355c68e892.png)
- Air fhoillseachadh
Chaidh sgrios a dhèanamh air bàthach aig seann taigh Jimmy Saville ann an Gleann Comhann feasgar Disathairne agus e air a dhol na theine.
Chaidh seirbheisean èiginn a ghairm mu 17:40 agus bha 3 einnseanan smàlaidh an làthair.
Tha an togalach ri taobh an A82 agus b'fheudar an rathad a dhùnadh eadar Taigh an Droma agus Baile a' Chaolais fad na oidhche.
Chaidh fhosgladh a-rithist madainn Didòmhnaich.
![Seann taigh Jimmy Savile ann an Gleann Comhainn](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/697/cpsprodpb/f619/live/65004000-e6e1-11ef-9c03-b5355c68e892.png)
B' ann le Savile a bha an taigh aig Allt Na Reigh airson 13 bliadhna.
Chaidh milleadh a dhèanamh air an taigh fhèin grunn thursan às dèidh dha tighinn am follais às dèidh a' bhàis, an eùcoir a bha Savile ris.
Bha am preasantair telebhisean air fear de na h-eùcoirich feise as miosa san Rìoghachd Aonaichte riamh.
Chaidh cead dealbhachaidh a thoirt dhan neach aig a bheil an làrach an dràsta, an t-seann taigh a leigeal agus taigh ùr a chur na àite.
Am-measg a chead sin thèid urram a shealltainn dhan an t-sreapadair Dtr Hamish MacAonghais aig an robh an taigh aig aon àm.
Bhàsaich an Dtr MacAonghais ann a 2020 's bha esan ainmeal mar fhear a chruthaich làmhagan airson deigh, agus chruthaich e cuideachd streadsair a bhitheas luchd-teasargainn nam beann air feadh an t-saoghail a' cleachdadh.