Àrdachadh mòr san àireimh de sheirbheisean ChalMac dheth air sgàth adhbharan teicnigeach
![An MV Isle of Lewis](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/3840/cpsprodpb/aa29/live/56a4cb60-e782-11ef-a319-fb4e7360c4ec.jpg)
- Air fhoillseachadh
Tha àrdachadh fìor mhòr air a bhith ann san àireimh de sheirbheisean aiseig aig CalMac a bha air an cur dheth air sgàth adhbharan teicnigeach.
Bha cha mhòr 4500 seòladh air an cur dheth air leithid de dh' adhbhar ann an 2023, is tha coltas ann gun robh a' bhliadhna an-uiridh a' cheart cho dona.
Ann an 2010, cha deach ach 217 seòladh ChalMac a chur dheth air sàilleibh thrioblaidean teicnigeach.
Ach ann an 2023, chaidh 4,485 seòladh a chur dheth ri'n linn.
A rèir aon dòigh thomhais, 's e àrdachadh de faisg air 2000% a bhiodh ann.
Droch bhuaidh
'S e Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba a fhuair na figearan tro iarrtas saorsa fiosrachaidh.
Tha iad ag ràdh gu bheil na figearan seo a' sealltainn cho truagh 's a tha seirbheisean aiseagan air fàs fo stiùir Riaghaltas an SNP.
Ach tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air a ràdh gu bheil dòigh eile ann airson na figearan seo a leughadh.
Thuirt iad nach deach ach nas lugha na 1% de na seòlaidhean aca a chur dheth ri linn thrioblaidean teicnigeach thairis air an 13 bliadhna eadar 2010 is 2023.
Tha CalMac cuideachd ag ràdh gun tàinig àrdachadh air an àireimh de sheòlaidhean thar na h-ùine sin.
Dh'aidich a' bhuidhean Còmhdhail Alba gu bheil an suidheachadh air droch bhuaidh a thoirt air coimhearsnachdan eileanach.
Thuirt iad cuideachd gu bheilear an dùil piseach a thoirt air an t-suidheachadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn le a bhith a' ceannach aiseagan ùra.