Deasbad is connspaid mu phàirc nàiseanta an Gall-Ghàidhealaibh

Soidhne
  • Air fhoillseachadh

Tha bliadhna ann bho tharraing an t-Eilean Sgitheanach is Ratharsair a-mach às a' phròiseas airson inbhe pàirc nàiseanta fhaighinn.

Thàinig sin às dèidh do dheasbad san sgìre às an tàinig uaireanann beachdan gu math làidir am bàrr an aghaidh a' mholaidh.

Ach tha Riaghaltas na h-Alba fhathast am beachd co-dhiù aona phàirc nàiseanta ùr a stèidheachadh ro 2026 is còig sgìrean a-nise air a' gheàrr-liosta.

Nam measg tha Gall-Ghàidhealaibh, fada gu deas air an Eilean Sgitheanach, ach far a bheil an aon seòrsa deasbaid a' leantainn.

Tha cuid a' togail air buannachdan is "cothrom sònraichte" gus dèiligeadh ri trioblaidean Ghall-Ghàidhealaibh.

Tha cuid eile iomaigeanach gur e barrachd thrioblaidean a thigeadh às.

Eilidh Scammell

"'S e prìomh amas pàirc nàiseanta sam bith, 's e an àrainneachd", dh'innis Eilidh Scammell, a tha a' fuireach air tuathanas faisg air an t-Stròin Reamhair, do BhBC Naidheachdan.

"Ach tha iad cuideachd ag ràdh gum bi e a' toirt barrachd luchd-turais. Tha fhios againn dè tha a' tachairt ann Loch Laomainn - an uimhir de dhaoine a tha a' tighinn an sin, sgrios air feadh an àite, tòrr sgudail, tòrr millidh air an àrainneachd.

"Chan e glèidheadh na h-àrainneachd a tha sin.

"Bidh pàirc nàiseanta a' cur ris na trioblaidean a bhios againn ma bhios barrachd dhaoine a' tighinn dhan sgìre".

Thog Ms Scammell air cho trang 's a tha cuid de rathaidean ann an Gall-Ghàidhealaibh co-dhiù le trafaig nan aiseagan a tha a' tighinn is a' falbh a dh'Èirinn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Deasbad mu phàirc nàiseanta an Gall-Ghàidhealaibh

Tha iomagain oirre gun cuireadh inbhe pàirc nàiseanta ris an trafaig sin.

Bha i fhèin uaireigin a' fuireach san Eilean Sgitheanach is i ag ràdh gu bheil an rathad gu Maol nan Gall a' cur na cuimhne an t-slighe gu Glumagan nan Sìtheachan.

Slighe a tha air cliù fhaighinn mar fhear de na rathaidean as trainge agus as miosa san eilean.

"Tha an rathad a tha a' dol gu Maol nan Gall cha mhòr an aon rud", thuirt Eilidh.

Mar a bhiodh dùil, chan eil a h-uile duine san sgìre air an aon ràmh.

'S i Sandra NicDhùghaill leas-chathraiche Chomann Pàirce Nàiseanta Ghall-Ghàidhealaibh.

Cha robh dùil aice-se ris an deasbad seo.

Sandra NicDhùghaill

"Tha e air iongnadh a chur orm", dh'aidich i.

"Bha sinn air ar dòigh nuair a fhuair sinn cothrom Gall-Ghàidhealaibh a chur air adhart is bha sinn den bheachd gur e rud a bhiodh a bhiodh na buannachd dhan a h-uile duine.

"'S e an duilgheadas a th' ann dhomhsa gu bheil an fheadhainn a tha ag iomairt na aghaidh, tha iad dìreach ag ràdh gu bheil iad na aghaidh, chan eil iad air molaidhean eile a chur air adhart".

Tha Sandra ag ràdh gu bheil feum air rudeigin susbainteach a dhèanamh ann an Gall-Ghàidhealaibh gus dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh.

"Tha a h-uile duine ag ràdh nach eil iad airson is gun tèid seo a sparradh oirnn ach seo an cothrom againn - rud a chruthachadh ann an Gall-Ghàidhealaibh airson Ghall-Ghàidhealaibh.

"Cha robh an cothrom sin aig na sgìrean far an deach pàircean nàiseanta a stèidheachadh roimhe is 's e cothrom sònraichte a th' ann".

Leis an deasbad a' leantainn, tha cothrom ann beachd a thoirt air seachad air a' phlana gu Dihaoine seo tighinn, taobh a-muigh.

Gall-Ghàidhealaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha moladh gum bi a' phàirc nàiseanta a' toirt a-steach Pàirc Coille Ghall-Ghàidhealaibh ach cuideachd sgìre gu math nas fharsaing timcheall air