Leudachadh air foghlam Gàidhlig ga iarraidh an sgìre Aonghais
- Air fhoillseachadh
Tha ùidh air nochdadh am measg phàrantan ann an sgìre Aonghais gun leudaicheadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an sin.
Tha aonad bun-sgoile ann am Farfar air a bhith a' lìbhrigeadh foghlaim Ghàidhlig fad bhliadhnaichean - ach chan eil roinn ann 'son àrd-sgoilearan fhathast.
"Tha naoinear anns a' chlas agam, agus am-bliadhna tha sinn eadar Clas 2 agus Clas 7," thuirt tidsear an aonaid Ghàidhlig aig Bun-Sgoil Whitehills, Wilma NicUalraig.
"Tha a' chlann uile aig ìrean eadar-dhealaichte.
"Tha sinn ann an suidheachadh gu math eadar-dhealaichte bho an t-uabhas de dh'aonadan eile - chan eil sinn ann an coimhearsnachd Ghàidhlig, chan eil sinn air a' chosta an iar, chan eil sinn air a' Ghàidhealtachd, chan eil sinn air ar cuairteachadh le Gàidhlig, agus 's e glè bheag de Ghàidhlig a th' aig a' chloinn aig an taigh.
"Airson a' mhòr-chuid dhiubh, chan eil iad ach a' cluinntinn Gàidhlig bhuamsa gach là, agus tha e na mhìorbhail gu bheil iad a' dèanamh cho math ann an suidheachadh mar seo," thuirt i.

Tha Rachael ag ionnsachadh Gàidhlig, agus i na pàrant le pàiste san aonad Ghàidhlig.
Tha i gu math toilichte le mar a tha dol.
"Bha ùidh agam riamh ann an ceòl Albannach, bhithinn ag èisteachd ri tòrr dheth sin 's mi a' fàs suas, ach cha b' e rud a bh' ann a shaoil mi a dh'ionnsaichinn gus an do thachair mi ris an duine Èireannach agam," thuirt i.
"'S esan a mhol an t-aonad Gàidhlig dhomh, agus bha car de dhragh orm aig an àm.
"Bha dragh orm mun ionnsachadh aige, 's mu mar nach bi iad a' dèanamh Beurla gu P4, an deadh aige air cumail suas?
"Ach chaidh sia mìosan seachad, agus tha Ruairidh a' dol cho math leis a' chànan aige.
"Chan urrainn dhomh àicheadh gu bheil e air a bhith cho math 's a ghabhas dha.
Plana Gàidhlig
Tha dòchas am measg phàrantan gun tig leasachadh air foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile san sgìre.
"Gheibh thu na clasaichean Gàidhlig aig e-Sgoil, an seòmar-teagaisg didseatach, bho na h-àrd-sgoiltean an-dràsta", thuirt Rachael.
"Ach tha amas ann am Plana Gàidhlig Aonghais piseach a thoirt air an t-suidheachadh san àrd-sgoil.
"Tha mi a' coinneachadh ris a' Chomhairle a bhruidhinn mun choltas a dh'fhaodadh a bhith air sin.
"'S e fear de na rudan math mun chlas, 's e gur e buidheann phàrantan gu math dripeil a th' ann.
"Tha sinn uile eòlach air a chèile, bheir sinn lioft dhan chloinn eile ach am faigh iad gu na clasaichean Gàidhlig feadh na dùthcha.
"Cuiridh sinn uile beachdan a-steach le stuth 'son an t-seòmair-theagaisg.
"Tha Wilma, an tidsear aca, cho math a thaobh a bhith a' dèanamh cinnteach gum faigh iad air tòrr a dhèanamh. Tòrr stuth practaigeach."

Tha an obair a' còrdadh gu mòr ri Wilma.
"Tha mi fortanach gu bheil buidheann de phàrantan a-niste air Comann nam Pàrant ùr a stèidheachadh, agus tha iadsan a' feuchainn ri bhith taiceil a bhith a' cur rudan air dòigh taobh a-muigh na sgoile.
"Tha sin cho cudromach gu bheil coimhearsnachd bheag Ghàidhlig ann am Farfar.
"Chan urrainn dhut coibhneas a chur ann an leanabh.
"Ach tha e cho snog nuair a tha thu a' faicinn sin a' tighinn a-mach gu nàdarra, agus tha e a' sealltainn dìreach cho laghach 's a tha iad.
"Tha iad ag obair cruaidh. Bidh spòrs againn. Uaireannan chan eil a h-uile rud a' dol mar a bu chòir, ach tha fhios aca fhèin nuair a tha iad a' dèanamh rudeigin ceàrr.
"Tha e iongantach. Tha e dìreach a' toirt de thogail dhomhsa a' tighinn a-staigh agus ag èisteachd.
"Nuair a thòisicheas leanabh gad fhreagairt ann an Gàidhlig - fiù 's ann an Gàidhlig mheasgaichte nuair a tha iad a' cur riaghailtean Gàidhlig air a' Bheurla aca - tha fhios agad gu bheil iad air an ath-cheum a ghabhail anns an turas aca airson tighinn gu fileantachd.
"Agus chan eil beatadh air. Chan eil beatadh air."