Rabhadh mu mhaill aig Ospadal nan Eilean Siar

- Air fhoillseachadh
Dhearbh NHS nan Eilean Siar gu bheil an ìre àrd de dh'euslaintich air a bheil dàil faighinn a-mach à Ospadal nan Eilean a' ciallachadh gun deach obair-lannsa a chur dheth airson cuid.
Thuirt àrd-oifigear na buidhne, Gòrdan Jamieson, gu bheil cion leapannan ann, agus thug e rabhadh seachad gur ann nas miosa a dh'fhaodadh cùisean fàs.
Bha seo agus 30 àiteachan air an call ann an dachaighean cùraim gu h-ionadail bho chionn ghoirid.
Thuirt Mgr Jamieson gum faodadh gun tèid cùram a tha san amharc do chuid a stad, mura tig piseach no atharrachadh air an t-suidheachadh.
Chaidh innse san t-Sultain gun tèid dachaigh-cùraim Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh, sa bheil 38 leabaidh, a dhùnadh.
Nuair a choinnich Bòrd NHS nan Eilean Siar an t-seachdain a chaidh, dh'innis Mgr Jamieson dhaibh gur ann sna h-Eileanan Siar as motha a tha trioblaid an Alba le dàil air euslaintich a' fàgail an ospadail, a rèir àireamh an t-sluaigh.
"'S e an cunnart a th' ann, mura tig atharrachadh air an t-suidheachadh, 's mura tig piseach air - gun luaidh air an droch bhuaidh air daoine a tha gan cumail san ospadal air a bheil deagh fhianais agus deagh thuigse againn - dh'fhaodadh gun tèid cùram a tha san amharc a stad mura faigh sinn air rùm a dhèanamh le daoine nach eil feumach air a bhith san ospadal a ghluasad a-mach," thuirt e.
"Bidh sinn ann an suidheachadh a dh'aithghearr far am bi sinn air 30 àite ann an dachaigh-cùraim a chall. Siud cunnart a tha mi a' cur fa ur comhair. Cha do mhothaich sinn a' bhuaidh fhathast a tha mi an dùil a thig an cois sin."
"Dùbhlan Mòr"
Thug Mgr Jamieson rabhadh nach ann gu luath a ghabhas an suidheachadh a chur ceart, agus gach cuid luchd-obrach a bharrachd agus àiteachan a bharrachd ann an dachannan-cùraim a dhìth airson sin.
"Gu mì-fhortanach, agus gu cinnteach, bheir e ùine fuasgladh fhaighinn, le bhith a' coimhead ri fastadh luchd-obrach air an aon làimh, agus a' cheist a dh'fheumas sinn faighneachd dhinn fhèin mu cho freagarrach 's a tha na th' againn de rùm a thaobh àireamhan lìbhrigidh a' chùraim agus pròifil an t-sluaigh.
"Tha obair a' dol air adhart fad na h-ùine a thaobh diofar dhòighean air daoine fhastadh 's feuchainn ri barrachd luchd-obrach cùraim shòisealta fhaighinn a-steach. Tha e na dhùbhlan mòr fhathast luchd-obrach fhaighinn a-steach, gu h-àraid, saoilidh mi, airson seo.
"Tha sinn mar thà aig ìre far a bheil sinn a' co-dhùnadh gu làitheil co-dhiù thèid againn air euslaintich ùra a ghabhail, agus tha mise air a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean doirbh mar thà an t-seachdain seo mu obair-lannsa chudromach a chur dheth leis nach eil na leapannan againn dhaibh fhad 's a tha 18 no 20 euslainteach againn gun àite eile dhan tèid iad," thuirt e.
Cùmhnantan Obrach
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil fastadh luchd-obrach do Chùram Sòisealta na dhùbhlan air feadh na dùthcha a tha ga dhèanamh nas miosa anns na h-Eileanan Siar le crìonadh an t-sluaigh obrach.
"A thuilleadh air an luchd-còmhnaidh fhèin, tha Comhairle nan Eilean Siar ag obair air luchd-obrach Blàr Buidhe a ghluasad fo sgèith Comhairle nan Eilean Siar", thuirt neach-labhairt.
"Nì sin cinnteach gun glèidhear luchd-obrach sàr-sgileil am broinn roinn a' chùraim.
"A thuilleadh air sin, tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith ag obair gus piseach a thoirt air cùmhnantan an luchd-obrach, gu h-àraid a thaobh cùraim san dachaigh, far an deach structar pàighidh ùr a chur an sàs.
"Tha a' Chomhairle an-dràsta a' sanasachd airson dreuchdan cùraim shòisealta air feadh nan Eilean Siar a lìonadh, agus leanaidh oidhirpean gus daoine a bhrosnachadh obair a ghabhail san roinn.
"Tha na dùbhlain a tha an cois dùnadh Blàr Buidhe agus na duilgheadasan ionmhais agus fastaidh a tha mu choinneimh Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar gan roinn le Riaghaltas na h-Alba.
"Tha dàil air euslaintich a bhith a' fàgail an ospadail na thrioblaid leis an t-siostam air fad, agus tha plana leasachaidh an sàs gus dèanamh cinnteach gun aithnichear cothroman piseach a thoirt air an t-siostam ionadail 's gun dèiligear riutha."