"Dusan taigh co-dhiù" a dhìth san t-Òb

- Air fhoillseachadh
Chuala coinneamh phoblach a chum Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh anns an t-Òb oidhche Dhiardaoin gur e dusan taigh ùr a' chiad cheum ann a bhith a' dèiligeadh ri cion taigheadais san sgìre.
Bha mu 80 de mhuinntir an àite an làthair is dragh ann nach biodh ach sia taighean anns an sgeama sa chiad dol a-mach agus sia eile an ceann ùine.
Rinn a' choimhearsnachd gu math soilleir gur e dusan taigh ùr - rim faotainn air màl reusanta - a tha iad ag iarraidh.
Ach thug iad rabhadh seachad gum biodh barrachd na dusan dachaigh a dhìth airson coinneachadh ris an iarrtas a th' ann.
Tha cead-dealbhachaidh aig Buidheann Taigheadais Innse Gall airson dusan taigh san t-Òb ach chan eil am maoineachadh ann ach airson sia taighean sòisealta san sgeama.
Dh'aontaich a' bhuidheann agus riochdaire bho Chomhairle nan Eilean Siar - ris a bheil straiteadsaidh taigheadais an urra - gum bruidhinn iad ris an Riaghaltas feuch an gabh iarrtas airson sia taighean sòisealta a bharrachd dhan t-Òb a chur san ath phlana-gnìomha.
Chaidh na buidhnean poblach às àicheadh nach robh iad ag èisteachd ri beachdan an t-sluaigh, a nochd dragh mu na dùbhlain a dh'fhaodadh a bhith mu choinneimh ghnothachasan, seirbheisean poblach agus seasmhachd na coimhearsnachd mura biodh àiteachan-còmhnaidh gu leòr ann, gu h-àraid do dhaoine òga.