Dithis fhear an greim an co-cheangal ri ionnsaigh air dithis bhoireannach

- Air fhoillseachadh
Chuir na poilis fireannach agus deugaire an greim an dèidh mar a chaidh dithis bhoireannach a dhroch ghoirteachadh ann an tachartas ann an Eilginn Diluain.
Chaidh oifigearan a ghairm gu taigh ann am Manbeen Place goirid ro mheadhan-là an dèidh aithrisean fhaighinn mu na bha a' dol.
Chaidh na seirbheisean-èiginn, oifigearan le trèanadh sònraichte nam measg, chun na làraich agus chaidh dithis bhoireannach, 39 agus 33 bliadhna de dh'aois, a thoirt chun an ospadail airson cùraim
Chaidh fireannach, 38, agus òganach, 17, a chur an greim ann an co-cheangal ris a' chùis.
Tha Poileas Alba ag ràdh gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn.
Thuirt neach-labhairt: "Chan eilear den bheachd gu bheil am poball ann an cunnart ach tha oifigearan fhathast san nàbachd, agus 's urrainn do dhaoine a dhol a bhruidhinn riutha ma tha iad le dragh neo ma tha fiosrachadh aca."
Faodar cuideachd fònadh gu na poilis air 101 le àireamh na cùise 1238, 21mh den Ghiblean, 2025.